Am Baile Ùr is Inbhir Aora an Cupa MhicAmhlaidh

  • Air fhoillseachadh
Pàirc Mossfield.Tùs an deilbh, MJ Richardson / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid Bail' Ùr an t-Slèibh is Inbhir Aora an aghaidh a chèile aig Pàirc Mossfield.

Feuchaidh Bail' Ùr an t-Slèibh ris an t-seusan aca a chur air ais air cùrsa Disathairne is iad gus farpais ri Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh.

Bha bristeadh-dùil ann dhan Bhail' Ùr an t-seachdain seo chaidh an Taigh an Uillt is Caol Bhòid a' soirbheachadh 3-2 nan aghaidh san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Thàinig sin às dèidh do sgioba Bhàideanach call 3-1 ri Gleann Urachdain sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

Tha iad ann an suidheachadh làidir aig mullach na Prìomh Lìge, ach do chluba le cliù a' Bhail' Ùir 's e bristeadh-dùil mòr a bhiodh ann dhaibh an seusan a chrìochnachadh le duais na lìge a-mhàin.

Tha iad cuideachd a' cur dìon air an fharpais seo is iad air an gnothach a dhèanamh air Caol Bhòid 2-1 an-uiridh.

Ionndrainn

Chan eil teagamh nach eil ionndrainn mhòr air Danny MacRath san loidhne-aghaidh am-bliadhna, agus bidh e na uallach dhan Bhail' Ùr gu sònraichte gu bheil iad air geamaichean mòra, cuairt dheireannach is iar-chuairt dheireannach, a chall.

Sin ann no às ge-tà, tha am Bail' Ùr aig mullach na lìge is Inbhir Aora aig a' bhonn, eil adhbhar dòchais idir aig balaich Earra-Ghàidheal?

Canaidh iadsan gu bheil oir 's iad an aon sgioba a rinn an gnothach air a' Bhail' Ùr san lìog, gu h-iongantach an aon gheama a bhuannaich Inbhir Aora idir san lìog.

Chaidh iad cuideachd do dh'iar-chuairt dheireannaich Chupa na Camanachd, geama a chaill iad ann an ùine a bharrachd ri Lòbhat.

'S e an rud a chuir às dhaibh an là sin, air a' cheann thall, an liosta mòr de chluicheadairean nach robh rim faighinn dhaibh, agus sin, 's dòcha an rud as motha a bhios nan aghaidh Disathairne.

Às aonais

Tha Inbhir Aora air a bhith às aonais leithid Iain Ceannadach, Friseal MacNeacail, Ally Rothach, Dàibhidh Mac a' Phearsain, Grant Griffin, Chris Crawford is Eoghain MacMhurchaidh aig amannan anns na seachdainnean mu dheireadh.

Bidh na cothroman a th' aca ceann a' mhaide a chumail ri Bail' Ùr an t-Slèibh Disathairne rin crochadh gu ìre mhòir air cia mheud dhiubh sin a tha comasach air tilleadh dhan sgioba.

Tòisichidh an geama aig Pàirc Mossfield san Òban aig 3:15f, is mura h-eil cothrom agaibh a dhol ann, cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 3:00f.

Chìthear an geama cuideachd air BBC 2 Scotland bho 3:00f.

Tha geamaichean eile gu leòr a' dol, a' tòiseachadh oidhche Haoine nuair a chuireas Lòbhat fàilte air Gleann Urchadain sa Phrìomh Lìog. Bidh Inbhir Nis is Cabair Fèidh a' cluiche san Lìog Nàiseanta air an dearbh oidhche.

Cuideam

Disathairne, bidh an Gearasdan an aghaidh Camanachd an Òbain san lìog is Caol Bhòid a' siubhail a chluiche Cheann Loch Seile is fios aca gum feum iad buannachadh gus beagan de chuideam a chumail air Bail' Ùr an t-Slèibh aig mullach na lìge.

San Lìog Nàiseanta bidh na Sgitheanaich misneachail gum faigh iad an dà phuing bho Bhaile a' Chaolais, is bidh leth-shùil aca air na tha a' dol sa Mhanachainn far a bheil sgioba a' bhaile is Cill Mhàillidh a' cluiche. Dhèanadh e feum mòr dha na Sgitheanaich nam faigheadh a' Mhanachainn rudeigin às a' gheama sin.

Ann an Lìog Tuath 2 tillidh na Leòdhasaich dhan phàirc às dèidh mìos nan tàmh is Both Fhleisginn a' dol gu Siabost.

Rinn na Leòdhasaich an gnothach orra 3-1 ann am Fàrr na bu tràithe air an t-seusan, is ged a bhios Will Church is Seumas Charity a dhìth orra, tha iad an dòchas an sgioba a neartachadh 'son a' gheama seo.

Tòisichidh an geama an Siabost aig 2:30f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh