Iomairt Lachlan Simpson a' leantainn
- Air fhoillseachadh

Thuirt na Poilis gu bheil iad fhèin agus na buidhnean a tha ag obair còmhla riutha a' leantainn orra leis an oidhirp Lachlan Simpson a lorg.
Chan fhacas Lachlan, 22 às Èireabol, bho dh'fhàg e dannsa air tràigh Dhòrnaich tràth sa mhadainn an 26mh den Iuchar.
Thuirt na Poilis gu bheil an iomairt a' leantainn gus a lorg.
Tha sgiobaidhean sònraichte air a bhith ag obair air feadh na sgìre is cuideachd heileacoptair nam Poileas.
Thèid bileagan a bharrachd a sgaoileadh an ath-sheachdain agus dh'iarr na Poilis às ùr air daoine sùil a thoirt ann an seadaichean is togalaichean eile a-muigh.
Thuirt an Inspeactor Jamie MacUilleam gun robh am poball air cuideachadh mòr a thoirt seachad thuige seo, rud a rinn feum mòr dha na Poilis agus a bha na chofhurtachd do theaghlach Lachlan aig àm fìor dhuilich dhaibh.
Tha Lachlan mu 6 troighean de dh'àirde, caol le gruag ghoirid, bhàn.
Bha geansaidh gheal is uaine air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Iuchar 2015