Sean agus ùr

Ma tha rudeigin ag obair, chan fheumar a chàradh.

Is soilleir, ge-tà, gu bheil rudeigin air a dhol ceàrr do na Làbaraich ann an Alba.

Anns a' Chèitean, fhuair am pàrtaidh an toradh taghaidh a bu mhìosa aca a-riamh, a' call 40 ball, agus a-nis chan eil ach Iain Moireach air fhàgail airson an riochdachadh aig Westminster.

Bhiodh sin dona gu leòr mura robh taghadh eile air fàire - do Phàrlamaid na h-Alba - agus iad suas ri dà fhichead puing air dheireadh air an SNP.

A rèir slait-thomhais sam bith, chan eil cùisean ag obair.

Carson, ma thà, nach do dh'atharraich Kezia Dugdale càil nuair a bha cothrom aice crathadh a dhèanamh air an sgiopa aice?

Dleastanas

Chan eil e buileach fìor a ràdh nach do dh'atharraich i càil.

B'fheudar dhi labhraiche ceartais ùr a lorg às dèidh mar a leig Hugh Henry a dhreuchd seachad - mar a bhiodh dùil, chaidh sin a thoirt do Ghraeme Pearson, a bha roimhe na cheannard poilis.

Agus, leudaich i na tiotalan agus na dleastanas aig cuid dhe na daoine anns an sgiopa aice.

Mar sin, ged a chumas Jenni Marra oirre a' bruidhinn air sgàth nan Làbarach air slàinte, bidh dleastanas nas fharsainge oirre airson co-ionnanachd'.

'S e Iain Gray fhathast a bhruidhneas air cùisean foghlaim, ach bidh sin ceangailte ri dleastanas farsaing airson 'chothroman'.

Agus fuirichidh Jackie Baillie mar labhraiche ionmhais, agus sheirbhisean poblach.

Taic

'S e beachd Ms Dugdale gu bheil nas motha aig an sgiopa aice ri dhèanamh na a bhith a' leantainn agus a' sgrùdadh obair nam ministearan.

A thuilleadh air sin, tha i ag ràdh gu feum iad barrachd ùine a chur seachad air falbh bhon phàrlamaid, anns a' choimhearsnachd, a' bruidhinn mu na cuspairean as cudromaiche don phàrtaidh.

Mar a bhiodh dùil, tha an SNP air an sgiopa a chàineadh, a' cantainn gur e an seann chriudha ged a tha sgiopair ùr aig an stiùir.

Chaidh Kezia Dugdale - an siathamh ceannard aig an Làbaraich Albannach taobh a-staigh ochd bliadhna - a thaghadh le 72% dhen bhòt, air thoiseach air Ken Mac an Tòisich, a dh'fhuiricheas air a' bheing aghaidh mar labhraiche choimhearsnachdan.

B' e seo a' chiad fharpais ann an eachdraidh a' phàrtaidh anns an robh bhòt ionnan aig gach ball - tha an taic a tha aig a' cheannard ùr bhon phàrtaidh aige fhèin soilleir gu leòr.

'S e ceist eile an tèid aice air càil a dhèanamh mu thaic ìosal a' phàrtaidh a-measg an luchd-bhòtaidh mus tèid muinntir na h-Alba air ais do na h-ionadan bhòtaidh.