Iomairt 'son smàladairean pàirt-ùine
- Air fhoillseachadh

Chuir ceannardan-smàlaidh air a' Ghàidhealtachd iomairt air chois airson daoine a bhrosnachadh gus a bhith nan luchd-smàlaidh pàirt-ùine.
Tha grunnan stèiseanan dùthchail a' fulang le gainnead luchd-smàlaidh, le mòran de na daoine a dh'fhaodadh na dreuchdan bàna a lìonadh ag obair air falbh bhon taigh.
Tha dìth luchd-smàlaidh pàirt-ùine air a bhith na thrioblaid ann an sgìrean iomallach na Gàidhealtachd fad bhliadhnaichean, ach tha Seirbheis Smàlaidh an h-Alba an dòchas gun cuidich an iomairt aca le a bhith a' toirt piseach air cùisean.
Fad na seachdain tha oifigearan air a bhith a' tadhail air bailtean beaga, a' sgaoileadh bhileagan fiosrachaidh agus a' bruidhinn ri feadhainn a tha a' nochdadh ùidh san obair.
Le mòran de na tha a' còmhnaidh air an tuath ag obair sna bailtean, tha an t-seirbheis a' sireadh fheadhainn a tha a' fuireach aig an taigh agus a bhiodh ri fhaotainn tron là.
Tha iad gu h-àraid airson boireannaich a bhrosnachadh gus a bhith nan smàladairean pàirt-ùine.
Tha na h-uimhir de dhaoine mu thràth air tighinn air adhart, ach tha àrd-oifigearan ag ràdh gu bheil barrachd a dhìth ma tha coimhearsnachdan ionadail a' dol a dh'fhaighinn na seirbheis smàlaidh air a bheil iad airidh.