Fèis chiùil ùr ga h-ullachadh aig Loch Nis

  • Air fhoillseachadh
RockNess
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh an fhèis air an aon làraich ri RockNess, ach cha mhair i ach aon là.

Tha an deasachadh mu dheireadh a' dol air adhart airson fèis chiùil eleactronaigich ùir aig Loch Nis.

Tha dùil ri 5,000 duine aig Groove Loch Ness oidhche Shathairne.

Tha e a' tachairt air an aon làraich ri RockNess, ann an Durais, a sguir bho chionn dà bhliadhna, agus 's iad an aon fheadhainn a th' air cùl na fèise ùire.

Mairidh Groove Loch Ness dìreach aon là, le aon àrd-ùrlar, agus bidh an fhèis ann airson feadhainn os cionn 18 bliadhna de dh'aois.

'S e ceòl eleactronaigeach a bhios ri chluinntinn sa chumantas.

Bidh Groove Armada, 2 Many DJs, Eli & Fur agus B Traits aig stiùir a' chiùil.