£10,000 a dhìth 'son seann sgoil Bhràgair

Seann Sgoil Bhràgair
Image caption Tha a' bhuidheann ag amas air ionad coimhearsnachd a dhèanamh den t-seann sgoil.

Feumaidh an t-urras a tha a' feuchainn ri seann sgoil Bhràgair air taobh siar Leòdhais a leasachadh £10,000 a thogail ro dheireadh na bliadhna.

Sin an t-suim a tha a dhìth orra airson crìoch a chur air dealbh nam planachanan mus tòisich iad air an obair mhòir 'son suas ri £700,000 a thogail a bheir am pròiseact gu buil.

Mar dhòigh air an £10,000 a thogail tha iad ag iarraidh air daoine a cheannaicheas stuth air-loidhne sgillinn neo dhà a thoirt dhaibh.

"Ma thèid iad air-loidhne agus dhan làrach Easyfundraising, agus dhan duilleig againne - Urras Coimhearsnachd Bhràgair is Àrnoil - gheibhear bogsa, agus ma chuirear a-steach Amazon no fiù 's Tesco, agus an uair sin ma thèidear chun na làraich sin, às dèidh a' cheannaich gheibh sinne pìos beag air ais," thuirt Oifigear Leasachaidh Urras Bhràgair 's Àrnoil, Eòghainn MacLeòid.

Ceangal Làidir

"Fàsaidh an t-suim thar nam mìosan, beag air bheag.

"An-dràsta aig UCBA tha sinn aig ìre leasachaidh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil againn ri suirbheidhean eadar-dhealaichte a chur air dòigh, suirbheidh asbesdos 's a leithid.

"Cuideachd obair-rannsachaidh a thaobh dè cho freagarrach 's a tha plana na buidhne, agus dè mar a bhuaileas seo air an àrainneachd, gu sòisealta agus gu h-eaconamach.

"Agus am pìos mu dheireadh den jigsaw, 's e dealbhachadh nam planaichean. Tha dùil againn gum bi seo deiseil toiseach na bliadhna ùire.

"Ged a fhuaireadh £50,000 on Chrannchur airson na h-ìre seo, tha £10,000 a dhìth, agus feumaidh sinn £10,000 a thogail an-dràsta.

"Tha prògram againn de thachartasan, a' tòiseachadh an ath-mhìos. Tha "brunch" coimhearsnachd againn. Bha fear againn na bu thràithe sa bhliadhna, 's chaidh sin glè mhath.

"Agus air an dàrna là den Dàmhair cumaidh sinn oidhche le biadh, deoch agus rùp.

"Dìreach beagan spòrs, ach tha sinn an dòchas gun tog sinn beagan airgid agus sgaoilidh sinn a-mach an tagradh mòr airgid air-loidhne, agus cuideachd air meadhanan eile - air a' fòn agus tron phost agus a h-uile càil mar sin," thuirt e.

Tha slighe fhada air thoiseach air an urras fhathast mus fhaigh iad an £700,000 a tha a dhìth airson a' phròiseict gu lèir, ach tha dùil aca gun dèan iad an gnothach.

"Tha sinn misneachail. Thairis air na bliadhnaichean, a h-uile duine ann am Bràgar agus timcheall oirnn, chaidh iad dhan sgoil seo.

"Tha ceangal làidir aca ris an àite, agus tha mi a' creidsinn gu bheil iad airson 's gum bi an t-àite làn agus beò a-rithist," thuirt e.