Bail' Ùr an t-Slèibh 3 Inbhir Aora 1

Pàirc Mossfield. Image copyright MJ Richardson / Geograph
Image caption Bha Bail' Ùr an t-Slèibh ro mhath do dh'Inbhir Aora aig Pàirc Mossfield.

Chuir Bail' Ùr an t-Slèibh dìon air Cupa MhicAmhlaidh is sgioba Bhàideanach a' soirbheachadh 3-1 an aghaidh Inbhir Aora san Òban.

Bha am Bail' Ùr cus ro làidir bho thoiseach a' ghnothaich is cha robh e na iongnadh nuair a chaidh iad air thoiseach às dèidh 8 mionaidean, Evan Menzies ga shlaiceadh dhan lìon às dèidh buille shaoir.

Bha làmh an uachdair aig Bail' Ùr an t-Slèibh tron chiad leth is thàinig tadhal eile às dèidh 34 mionaidean, Steafan Dòmhnallach leis às dèidh do Ghlenn Mac an Tòisich am ball a chur thuige.

Nochd an Dòmhnallach a-rithist le tadhal dìreach ro leathach-ùine is bha an geama cha-mhòr seachad aig a sin is am Bail' Ùr glè chofhurtail aig 3-0.

Chum Inbhir Aora a' dol san dàrna leth is fhuair iad tadhal air ais bho Lewis MacNeacail le 11 mionaidean air fhàgail.

Lasair

Theab MacNeacail tadhal eile a chur goirid às dèidh sin, a bhiodh air lasair a chur dhan ghnothach, ach chrìochnaich an geama 3-1 is Inbhir Aora 's dòcha toilichte gu leòr teicheadh gun droinneadh air a' cheann thall.

Bha iad gu follaiseach ag ionndrainn leithid Iain Ceannadach, Grant Griffin is Chris Crawford, a bha air an goirteachadh, is b' e deireadh linne a bh' ann dhaibh aig deireadh a' gheama nuair a dh'innis am fear-glèidhidh, Graham 'Toad' Mac a' Phearsain, gun robh e a' sguir a chluich às dèidh còrr is 25 bliadhna eadar na puist.

B' e fìor dheagh là a bh' ann dhan Bhail' Ùr às dèidh bristeadh-dùil Chupa na Camanachd an t-seachdain seo chaidh, is bidh iad gu mòr ag amas a-nise air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh cuideachd.

Chan eil iad ach puing air thoiseach air Caol Bhòid a-nise is sgioba Thaigh na Bruaich air buannachadh 1-0 an aghaidh Chinn Loch Seile.

San Lìog Nàiseanta ghabh na Sgitheanaich ceum eile a dh'ionnsaigh na Prìomh Lìge is iad a' toirt pronnadh air Baile a' Chaolais, 13-0.

Bha tadhail gu leòr ann an Siabost cuideachd ach b' e bristeadh-dùil a bh' ann air a' cheann thall dha Camanachd Leòdhais, is Both Fhleisginn a' tilleadh orra gus buannachadh 5-4.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile