Briseadh-dùil dha muinntir na Hearadh

Ceann a tuath na Hearadh
Image caption Thuirt an Dtr. Aonghas MacEalair bhon Bhòrd Slàinte gu bheil an t-seirbheis a tha muinntir na sgìre a' faighinn "aig fìor àrd-ìre".

Dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach bi dotair neo nurs stèidhichte ann an ceann a tuath na Hearadh taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.

Thàinig an naidheachd 's coinneamh phoblach ga cumail air an Tairbeart 's mòran mì-thoilichte mun atharrachadh a thàinig air an t-seirbheis slàinte bho sguir dotairean teaghlaich a' chinn a tuath a' toirt seirbheis seachad air an oidhche agus air an deireadh-sheachdain.

Tha sin a' fàgail gur ann an Steòrnabhagh a tha an dotair as fhaisge orra.

Thuirt an Dtr. Aonghas MacEalair bhon Bhòrd Slàinte gu bheil an t-seirbheis a tha muinntir na sgìre a' faighinn "aig fìor àrd-ìre".

"Briseadh-dùil"

Thuirt Cathraiche Chomhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh, Iain MacLeòid, nach d' fhuair iad idir na bha iad ag iarraidh às a' choinneimh.

"Cha do dh'atharraich càil sam bith leis a' choinneimh a-nochd - cha do ghluais am Bòrd Slàinte dòigh sam bith. Thuirt iad gu math foirmeil nach bi banaltram neo dotair stèidhichte anns an Hearadh - mar sin tha sinn mì-thoilichte mu dheidhinn sin agus tha sinn iomagaineach mu shlàinte dhaoine".

'S e an t-astar a dh'fheumas daoine siubhal a Steòrnabhagh ann an suidheachadh èiginneach as motha a tha a' dèanamh dragh dha muinntir an àite.

Thuirt an Dtr MacEalair ge-tà gun robh e toilichte le mar a chaidh a' choinneamh leis gun tug e cothrom dhaibh mìneachadh dè na rudan a ghabhas dèanamh, agus na rudan nach obraich idir.

Chaidh bruidhinn cuideachd air plana fom biodh luchd-eiridinn, a tha stèidhichte ann an ceann a tuath an Hearadh, a' frithealadh air euslaintich nuair nach eil iad ag obair, ach tha am moladh sin fhathast aig ìre thràth.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile