A87 fosgailte

Dh'fhosgail poilis air a' Ghàidhealtachd air an A87 a-rithist às dèidh tubaist-rathaid faisg air an Dòrnaidh.

Chaidh boireanach agus fireanach a ghoirteachadh anns an tubaist, a thachair dar a chaidh bus agus càr an comhair a chèile.

Chaidh an rathad a dhùnadh eadar Uachdar Thìre agus an Dòrnaidh fhad 's a bha oifigearan a' ransachadh na dh'adhbharaich an tubaist.