Còmhraidhean comhairle mu airgead Eòrpach

  • Air fhoillseachadh
Airgead
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt oifigich Eòrpach nach d' fhuair iad gealltanas gun robh Riaghaltas na h-Alba a' cosg an airgid san dòigh cheart.

Bidh còmhraidhean aig ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread Davidson, Diluain, ri ceannardan ùghdarrasan ionadail eile, is dragh nach eil na milleanan notaichean de thaic-airgid Eòrpaich a' tighinn thuca.

Chuir oifigich Eòrpach stad air airgead na Maoine Sòisealta Eòrpaich a bha a' dol gu Riaghaltas na h-Alba is dragh orra mu mar a bhathas ga cosg.

Thàinig e am bàrr san Dùbhlachd an-uiridh gun robh oifigich san Roinn Eòrpa air a' Mhaoin Shòisealta Eòrpach, a bha iad a' toirt do Riaghaltas na h-Alba, a stad rè ùine.

Thuirt iad nach d' fhuair iad gealltanas gun robh an t-airgead ga chosg san dòigh cheart.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e "trioblaid theicnigeach" a bu choireach, gu bheil iad ag obair air, is nach tèid airgead sam bith a chall.

Tha a' Bh.Ph. Davidson ag ràdh ge-tà, gur e "bùrach" a th' ann.

Thuirt i gu bheil feum air an airgead, is gu bheil ceist ann cuideachd mu chliù na h-Alba san Roinn Eòrpa.