Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Shoreham

Thuirt poilis a tha a' rannsachadh na tubaiste aig Fèill-adhair Shoreham gum faodadh gun èirich àireamh nam marbh cho àrd ri fichead. Tha oifigearan ag ràdh gu bheil iad an dùil gun tèid tuilleadh chorp a lorg nuair a thèid na th' air fhàgail den itealan Hawker Hunter a thogail far rathad an A27 ann an Sussex. Thòisich Ùghdarras nam Plèanaichean 's nam Port-Adhair a' dèanamh ath-sgrùdaidh air sàbhailteachd aig fèilltean-adhair às dèidh mar a thàinig an t-itealan a-nuas ann an trafaig Disathairne.

Tubaist-Rathaid

Tha poilis air Ghàidhealtachd air an A87 a dhùnadh às dèidh tubaist-rathaid eadar Uachdar Thìre agus an Dòrnaidh. Tha e air a thuigsinn gun deach dithis fhireannach a ghoirteachadh san tubaist a thachair nuair a chaidh bus agus càr an comhair a chèile. Tha na Poilis air an rathad a dhùnadh eadar Uachdar Thìre agus Drochaid Mhoireasdain, agus tha càraichean gan cur timcheall taobh Achadh na Sìne, ach chan eil an t-slighe seo idir freagarrach do làraidhean.

Legion d'honneur

Chaidh an t-urram as àirde anns an Fhraing a bhuileachadh air triùir Aimeireaganach agus Breatannach a chuir stad air fear-gunna air trèana gu Paras. A' nochdadh ann an Lùchairt Elysee an-diugh sa mhadainn chaidh an Legion d'honneur a buileachadh air Spencer Stone, Alek Skarlatos, Anthony Sadler, agus Chris Norman, le Ceann-Suidhe na Frainge, Francois Hollande.

Na Hearadh

Dh'fhaodadh beatha dhaoine a bhith ann an cunnart ann an ceann a tuath na Hearadh mura tig piseach air seirbheisean slàinte, a rèir comhairle choimhearsnachd na sgìre. Tha iad mì-thoilichte gur ann à Steòrnabhagh a tha dotairean a' tighinn taobh a-muigh uairean-obrach àbhaisteach. Mhol Cathraiche na buidhne, Iain MacLeòid, gum biodh cuideigin le sgilean meidigeach, leithid nurs, stèidhichte anns an sgìre airson measadh a dhèanamh air daoine a dh'fhaicinn an robh iad feumach air cùram anns an ospadal. Thèid coinneamh phoblach a chumail air a' chùis seo air an Tairbeart a-nochd fhathast.

Eaconamaidh Shìona

Tha margaidh nan earrainnean Sìonach ari tuiteam gu mòr ri linn draghan gu bheil eaconamaidh na dùthcha a' fuarachadh. Thuit prìs nan earrainnean 8.5% an-diugh air clàr Shanghai, a' ciallachadh gu bheil luach nam margaidhean Sìonach air tuiteam còrr agus an treas cuid o mheadhain na h-Ògmhìos. Thuit margaidhean air feadh Àisia leis an naidheachd, agus tha luach nan earrainnean cuideachd air tuiteam air na margaidhean Eòrpach.

Caol Mhuile

Rinnear cobhair air còignear iasgairean às dèidh dhan bhàta aca car a chur dhith fhèin 's i air a' ghrunnd ann an Caol Mhuile tràth sa mhadainn. Thog bàta-teasairginn an Òbain an criutha ann an rath sàbhalaidh a' bhàta. Thathas a' tuigsinn nach deach duine a ghoirteachadh.