Cuideachadh dha feòragan ruadha

  • Air fhoillseachadh
Feòrag ruadhTùs an deilbh, Peter Cairns
Fo-thiotal an deilbh,
Tha na feòragan liatha air a bhith a' toirt droch bhuaidh air an fheadhain ruadh.

Thèid pròiseact ùr a chur air chois ann an oidhirp piseach a thoirt air àireamh nam feòragan ruadha air a' Ghàidhealtachd.

Tha Pròiseact Fiadh-bheatha na Coille Caileannaich a' feuchainn ri deich teaghlaichean ùra de dh'fheòragan a chur ma sgaoil thairis air na trì bliadhna a tha romhainn.

Ma shoirbhicheas leis, tha dùil gun tèid na th' ann dhiubh suas 10%.

Tha iad cuideachd den bheachd gun toir e cothrom air leth do luchd-obrach saor-thoileach, pàirt a ghabhail anns an sgeama dìon.

Àrainneachd

Thèid cuid de dh'fheòragan ruadha a ghluasad bho sgìrean ann an Alba far a bheil iad a' soirbheachadh, gu coilltean iomallach ann an iar-thuath na Gàidhealtachd far nach eil feòragan sam bith ann an-dràsta, ach far a bheil fior dheagh àrainneachd air an son.

Tha seo a' leantainn air an obair a rinn Roy Dennis bho Bhunait Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd, a ghluais 40 feòrag ruadh gu coilltean ann an Achadh Dà Dhòmhnaill ann an 2008.

Tha a-nis timcheall air 400 feòrag san sgìre.

Coilltean

Thuirt Stiùiriche "Trees for Life" Ailean Watson Featherstone, gun robh an sgeama seo air obrachadh gu math, agus gur e dòigh mhath a th' ann airson feòragan ruadha a thilleadh dha na coiltean 'son a' chiad uair ann am bliadhnaichean, agus tha e an dòchas gun cuir e ri àireamhan nam beathaichean beaga sònraichte seo.

"Le àireamhan ag èirigh, bheir seo buannachd dha na coilltean againn cuideachd agus gach creutair a tha beò annta seach gum bi feòragan ruadha a' cur chraobhan gu nàdarra leis gu bheil iad a' cruinneachadh sìol chraobhan gach foghar, 's bidh iad gam fàgail thall 's a-bhos agus a' dìochuimhneachadh mun deidhinn, 's bidh an sìol seo a' fàs, agus a' cur ris a' choille".

Chaidh sùim-airgid de chòrr is £61,000 a chur ris an sgeama leis a' Chrannchur Nàiseanta 's thuirt Ceannard Alba a' Chrannchuir, Cailean MacIlleathain gun robh iad toilichte airgead a thoirt seachad 'son pròiseict a bha a' cur ri dualchas prìseil, 's ga ghlèidheadh 'son nan ginealachan ri thighinn.

Àireamhan

Aig an ìre seo tha mu 138,000 feòrag ruadh anns an Rìoghachd Aonaichte, le cha-mhòr 120,000 dhiubh sin an Alba, ach tha an àireamh sin a' tuiteam ri linn tinneasan leithid bhìorus breac na feòraige a tha an fheòrag liath a' sgaoileadh.

Tha mar a tha coilltean gan leagail cuideachd a' toirt buaidh orra.

Leis gum bi na feòragan ruadha a' gluasad le bhith a' leum bho chraoibh gu craoibh - mar as trice, cha tèid iad tarsaing air talamh fhosgailte agus ma tha coilltean air an leagail, cha till iad air ais dha na sgìrean sin.

Bogsaichean

Tron sgeama ùr seo, bidh na feòragan ruadha air an leigeil ma sgaoil ann am bogsaichean beaga le feur nam broinn, agus bidh cnòthan-talmhainn agus ubhal annta cuideachd.

Thèid na bogsaichean seo a chur ann an craobhan agus, aon uair 's gu bheil na daoine air a' choille fhàgail, tha dùil gun tig na feòragan a-mach às na bogsaichean agus fàsaidh iad cleachdte ris an dachaigh ùir aca.

Cothrom-obrach

Leis gum bi iad fada air falbh bho na feòragan liatha agus na tinneasan a tha iadsan a' giùlain, tha a h-uile dòchas ann gun soirbhich leis an fheadhain ruadha.

Cha bhi ach da fheòraig gan toirt à àitean far a bheil iad cumanta an dràsta, gus nach dèan e mileadh air na h-àireamhean anns na sgìrean às an tàinig iad.

Bidh cothrom aig luchd-obrach saor-thoileach trèanadh fhaighinn 'son sùil a chumail air na feòragan agus clàradh mar a tha a' dol dhaibh.