Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Làbaraich

Tha ceannard eadar-amail nan Làbarach, Harriet Harman, an dràsda a' coinneachadh ri na ceathrar thagraichean a tha a' seasamh airson ceannas a' phartaidh. Tha iad a' deasbad dhraghan gur ma dh'fhaoidte gu bheil feadhainn nach eil a' cur taic ris a' phàrtaidh air àite fhaighinn air a' chlàr-bhòtaidh airson an taghaidh. A' bruidhinn ron a' choinneimh thuirt tagraiche na làimhe clì Jeremy Corbyn gur e "amaideas" a th' ann an gearrainnean gu bheil nàimhdean a' phàrtaidh a' feuchainn ri buaidh a thoirt air buaidh na bhòt.

Rannsachadh na làraidh sgudail

Chuala an rannsachadh air tubaist na làraidh sgudail ann an Glaschu mu na dochannan a dh'fhulaing cuid de na thàinig beò às an tubaist. Chuala cùirt an t-siorraidh anns a' bhaile gun deach cnamhan dhaoine am briseadh, gun do chaill feadhainn eile buill-bhodhaig agus gun robh mòran fhathast a' fulaing le triobaidean slàint' inntinn. Chaidh innse cuideachd gum biodh e eu-coltach gum biodh Comhairle Baile Ghlaschu air Harry Clarke fhastadh mar dhràibhear nam biodh fios air a bhith aca gun robh e air a dhol gun mhothachadh ann an 2010 's e aig cuibhle bhus.

Drugaichean

Dh'èirich an àireamh de dh'Albannaich a fhuair bàs ri linn dhrugaichean chun na h-ìre is àirde a-riamh ann an 2014. Bhàsaich 613 an uiridh - a' chiad uair ann an trì bliadhna a chaidh an àireamh an àirde. Bha co-cheangal aig heroin neo morphine ri còrr is dàrna leth de na bàis.

Sìona

Thàinig rabhadh bhon t-seansalair, Seòras Osborne, nach eil an Rìoghachd Aonaichte air a dìon bho trioblaidean ann am margaidhean earrannan na Cruinne - agus gum feum barrachd a dhèanamh airson eaconamaidh na dùthcha a neartachadh. Thàinig lùghdachdadh mòr eile air margaidhean Sineach tron oidhche, le clàr-earrainn Shanghai a' tuiteam 7.6 sa cheud.

Slàinte na Hearadh

Dhearbh stiùiriche meidigeach Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar nach bi dotair no nurs stèidhichte ann an Ceann a Tuath na Hearadh taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach. Bha an Dotair Aonghas MacCealair a' bruidhinn aig coinneimh phoblai ch mun chùis air an Tairbeart. Thuirt e gu bheil an t-seirbheis a th' ann an dràsda aig fìor àrd ìre - rud a bha na bhriseadh-dùil do mhòran de na bha an làthair.

Airgead Inbhir Nis

Tha dùil gun dearbh Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gun tèid taic-airgid de £3m a thoirt do dh' Inbhir Nis. Tha seo mar phàirt de dh'aonta ris an canar an City Deal. Thèid an t-airgead a chosg air a bhith a' sgeadachadh na sgìre timcheall air Caisteal Inbhir Nis agus air a bhith a' cur lionra wifi poblach air dòigh anns a' bhaile.