Dàil air leasachadh an A9 aig tuath

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, BBC (Jim Bain/Geograph)
Fo-thiotal an deilbh,
Tha coltas ann a-nis nach tòisich obair air an rathad gu 2017.

Tha dùil ri dàil eile sna planaichean leasachaidhean a dhèanamh air an A9 aig Bràigh Bhearghadail ann an Gallaibh.

Dhearbh Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun deach gearainean a dhèanamh mu na molaidhean agus gu bheil coltas ann a-nis gum feum Rannsachadh Poblach Ionadail a bhith air a chumail.

Thuirt Seòmraichean Malairt Ghalaibh air a' mhìos a dh'fhalbh gun robh e a' toirt ro fhada plana-gnìomha aontachadh.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gun cùmadh iad orra leis an obair-dhealbhachaidh.

Ma thèid Rannsachadh Poblach Ionadail a ghairm, tha coltas ann nach tòisich obair air an rathad gu 2017.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh