Taic-airgid dhan Chomunn Gàidhealach

An t-Oban
Image caption 'S ann anns an t-Òban a bhios am Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna

Fhuair an Comunn Gàidhealach taic-airgid £26,280 bho Riaghaltas na h-Alba airson an obair aca a thoirt air adhart.

Dh'fhoillsich Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, an t-airgead 's am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu bhith a' tòiseachadh anns an Òban an ceann sia seachdainnean.

Cleachdaidh an Comunn Gàidhealach an t-airgead airson cuideachadh a thoirt do dh'fharpaisich a tha a' siubhail dhan Òban, agus thèid cuid eile a chosg a' càradh charragh-cuimhne Nèill Rothaich ann an Inbhir Aora.

Sgrìobh Niall Rothach grunn leabhraichean, a-measg sin bha sreath Phara Handy.

"Dachaigh a' Mhòid"

Thuirt Alasdair Allan gu robh an Riaghaltas gu math toilichte a bhith a' faicinn a' Mhòid a' tilleadh dhan Òban.

Chuir Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Moireasdan fàilte mhòr air an airgead.

"'S e an t-Òban "dachaigh spioradail" a' Mhòid agus bidh bàile an Òbain, agus muinntir Earra-Ghàidheal san fharsaingeachd, an còmhnaidh a' cur fàilte mhòir air luchd-frithealaidh a' Mhòid, agus tha sinn misneachail nach bi am bliadhna seo càil eadar-dhealaichte.

Thàinig an naidheachd 's Caibeanat an Riaghaltais Albannaich a' coinneachadh ann an Earra-Ghàidheal.

Bidh am Mòd a' ruith eadar an 9mh agus an 17mh là dhen Dàmhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile