Rabhadh bho thuath

  • Air fhoillseachadh
MV Hamnavoe
Fo-thiotal an deilbh,
Gheibhear diofar ìre de sheirbheis a rèir 's dè phàigheas tu air MV Hamnavoe.

Chaidh rabhadh a thoirt do dh'eileanan an taobh siar gum feum iad an cùmhnant le ge b' i cò a' chompanaidh a tha a' dol a ruith nan aiseagan aca fhaighinn ceart bho thoiseach - oir nach bi atharrachadh furasta às dèidh sin.

Tha an rabhadh a' tighinn bho fheadhainn a bha thall 's a chunnaic - muinntir Arcaibh is Shealtainn.

Tha a' chompanaidh phrìobhaiteach Serco Northlink air a bhith a' frithealadh nan Eileanan a Tuath bho chionn trì bliadhna, 's tha iad a-nis a' tagradh airson seirbheisean Chal Mac air an taobh siar cuideachd.

Tha diofar bheachdan an Arcaibh 's an Sealtainn air mar a tha Serco a' dèanamh.

Roghainn

"Tha iad an dèis a bhith an seo a-nis bho chionn trì bliadhna, agus 's ann nas miosa a tha e a' dol," thuirt Aonghas MacÌomhair, a tha a' fuireach air Tìr Mòr Arcaibh.

"Tha a h-uile càil a' dol an-àirde, tha prìsean a' dol an-àirde, 's tha am biadh an àirde, 's tha am breacaist an-àirde.

"A' chiad bhliadhna a bha iad an seo bha e garbh. Cha-mhòr gun robh soitheach a' fàgail a' chidhe an uair sin anns a' Gheamhradh.

"Rud sam bith a tha a' tachairt - ma tha geill ann chan fhalbh iad. Tha iad 'son sàbhaladh airgid a h-uile dòigh as urrainn dhaibh," thuirt e.

Chan eil a h-uile duine ag aontachadh ris a' bheachd sin ge-tà, agus cuid a' cur fàilte air seirbheis le cofhurtachd aig ìre nas àirde na bha i roimhe.

Tha am bàt-aiseig, MV Hamnavoe, gu math gleansach, agus tha a' chuid mhòr den bhiadh a' cleachdadh èisg agus feòla is eile às Arcaibh is Sealtainn fhèin.

Feumar pàigheadh airson na cofhurtachd ge-tà, agus an ìre a rèir na phàigheas daoine, coltach ris a' "Phrìomh Chlas" air a' phlèana.

"'S e na tha fa-near dhuinn ach roghainn a thoirt do dhaoine eadar diofar ìrean," thuirt Seumas Linklater, Manaidsear Sheirbheisean Serco Northlink.

"Tha na h-uimhir de dhiofar rudan, co-dhiù an e na h-àiteachan suidhe a tha gan tabhainn, a' tòiseachadh aig ìre ìseal, agus faodaidh daoine leum suas rang ma thogras iad.

"Anns an dearbh dhòigh, tha an t-seòmar suidhe againn. Saoilidh mi gun aithnicheadh a' mhòr-chuid de dhaoine gur e luach glè mhath air an airgead a tha seo," thuirt e.

Feumar £7.50 a bharrachd a phàigheadh airson suidhe anns a' Mhagnus Lounge, far am faigh thu na thogras tu de theatha, de chofaidh, 's de chèicichean, a bharrachd air cofhurtachd taigh-òsta.

Obar Dheathain

Air na slighean fada eadar Obar Dheathain agus na h-Eileanan a Tuath ge-tà, tha iad air atharrachaidhean nas motha buileach a chur air dòigh.

Chan fhaod duine a-nis cadal air na suidheachain àbhaisteach, agus gàirdeanan san rathad gus stad a chur air daoine bho a bhith a' laighe orra.

Ma tha thu airson cadal air an turas 14 uair de thìde, feumaidh tu suas ri £5 a bharrachd a phàigheadh air seathair simplidh a thèid gu cùl.

"Na soithichean a tha a' ruith eadar Sealtainn is Obar Dheathain, tha iadsan nas miosa," thuirt Aonghas MacÌomhair.

"B' àbhaist gum faigheadh tu air a dhol a choimhead film às dèidh dhut fàgail Obar Dheathain.

"Bhiodh dhà ann a h-uile oidhche, 's tha iad a-nis air sin a ghearradh sìos gu aonan.

"Tha iad an uair sin a' creic nan seataichean, recliners 'son daoine a bhith a' cadal orra," thuirt e.

Ach tha Serco ag ràdh gun robh daoine daonnan a' gearain ris an t-seann chompanaidh nach robh rùm suidhe ann mar a bha daoine a' sìneadh air beingean.

Agus tha iad air ìre eile a thoirt a-steach cuideachd. Mura bheil seathair math gu leòr dhut airson cadal, faodaidh tu £18 a phàigheadh air pod-cadail - seathair a thèid air ais na leabaidh, agus a tha air leth goireasach, cofhurtail.

Feumalachdan

"Seo roghainn eile, aig ìre shaoir, do luchd-siubhail rudeigin nas breithneachaile, 's dòcha," thuirt Seumas Linklater.

"Agus tha e a' toirt dhaibh roghainn mhodran far am faod iad USB a chur a-steach, 's suidheachan a bhith aca a tha a' dol gu cùl 75-80%, le plaide is cluasag.

"Tha sinn cuideachd air goireas frasadair a chur a-steach dhaibhsan. Tha fèill mhòr mhòr air sin," thuirt e.

A' diùltadh chothroman don mhòr-chuid? No a' toirt seirbheis nas fheàrr don duine a phàigheas? Tha e a rèir 's dè mar a choimheadas tu air.

Taobh seach taobh, 's e an t-àm fhad 's a tha còmhraidhean a' dol leis an Riaghaltas a' dealbh cùmhnant an t-àm cudromach a rèir Chomhairle Arcaibh.

Tha iadsan ag ràdh gum feum muinntir nan Eilean Siar fàs eòlach air cùmhnant le companaidh bho thoiseach, seach seirbheis bho riaghaltas.

"Feumaidh tu a bhith faiceallach mu na dh'iarras tu. Feumaidh tu a bhith cinnteach gum faigh thu an t-seirbheis a tha ceart airson nam feumalachdan a th' ann," thuirt Cathraiche Bun-structair Arcaibh, Seumas Stockan.

"Feumaidh e a bhith comasach air a h-uile rud a tha a dhìth a thoirt seachad, agus fiù 's tron phròiseas fhèin, saoilidh mi gum feum daoine sgrùdadh a dhèanamh air na tha an lùib a' chùmhnant, a dhèanamh cinnteach gu bheil fhios aca dè tha iad a' faighinn.

"Tha e caran doirbh, oir ma dh'iarras tu ro bheag orra, tha a' choimhearsnachd agad a' call rudeigin. Ma dh'iarras tu cus orra, tha seirbheis agad a th' ann, is coltach, gun adhbhar," thuirt e.