Ministear bhon Eaglais Shaoir a' moladh Taigh nam Morairean "a chuir à bith"

  • Air fhoillseachadh
An t-Urr. Iain D. Caimbeuk
Fo-thiotal an deilbh,
'S e teachdaireachd a' Bhìobaill, tha Mgr Caimbeul ag ràdh, fàilte a chuir air an fhogarrach

Tha an t-Oll. Urr. Iain D. Caimbeul bhon Eaglais Shaoir a' moladh Taigh nam Morairean a chuir à bith agus an t-airgead a dheadh a shàbhaladh a chosg a' cumail obraichean agus dachannan ri fogarraich.

Tha Mgr. Caimbeul, a tha na mhinistear anns an Rubha ann an Leòdhas, ag ràdh gur e teachdaireachd a' Bhìobaill, fàilte a chuir air an fhogarrach, fasgadh a thoirt dhan duine a tha gun dachaigh agus biadh a thoirt dhan duine a tha acrach.

A' bruidhinn air an t-suidheachadh ann an Calais agus ann an Kent, "cò chreideadh", tha e a' faighneachd, gum biodh rathaidean mòr air an tachdach air sgàth nam mìltean dhaoine a tha a' feuchainn ri faighinn a-steach dhan Rìoghachd Aonaichte?"

"Èiginn"

Cò thuigeas, tha e ag ràdh, an èiginn a tha toirt air daoine na dachannan aca fhàgail 's mòran dhiubh gan cur fhèin ann an cunnart mòr 's iad a' sireadh cothrom air beatha nas fheàrr.

Tha e fhèin taingeil, thuirt e, nach e fear-poileataigs a th' ann leis nach iarradh e duine a thionndadh air falbh.

"'S ann a bhiodh sinn a' treigsinn ar n' eachdraidh fhèin le bhith a' diùltadh cobhair dhan fheadhainn a b'fheumaiche air".

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh