Airgead Nèill Rothaich
- Air fhoillseachadh

Tha iad a' dèanamh gàirdeachas ann an Inbhir Aora ri airgead 'son carragh-cuimhne Nèill Rothaich a chàradh, agus nam biodh Dùgaidh an seo dh'innseadh e fhèin dhut.
'S ann mar phàirt de mhaoineachadh a tha an Comunn Gàidhealach a' faighinn o Riaghaltas na h-Alba gus an obair aca a thoirt air adhart a tha an t-airgead.
Tha £26,280 ann uile gu lèir le cuibhreann ga chosg airson cuideachadh a thoirt do dh'fharpaisich a tha a' siubhail dhan Òban 'son Mòd na bliadhna seo san Damhair.
Thig an còrr 'son a' charragh-cuimhne a sgeadachadh.
B' iad an Comunn Gàidhealach fhèin a thog a' charragh ann an 1935, còig bliadhnaichean às dèidh bàs an Rothaich.
"Sàr Litreachas"
'S ann an Gleann Aora a tha a' charragh stèidhichte, àrd os cionn rathad an A819, agus na faclan 'Sàr Litreachas' air an sgrìobhadh air.
Ged a bha ceangal làidir aig an Rothach ri baile Inbhir Aora fhèin, 's ann às a' Ghleann a thàinig mòran de a chuideachd.
Thogadh a mhàthair ann an Leac nam Ban sa Ghleann is Gàidhlig làidir am measg mhuinntir an àite aig an àm.
'S ann timcheall air na daoine sin, na h-àiteachan san robh iad a' fuireach is an cultar a bha tòrr de sgrìobhadh an Rothaich stèidhichte.
An t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid a tha a' fuireach san Fhùirneis is a tha a' cur taic ri Comunn Nèill Rothaich.
Ged as aithne dhan mhòr-chuid e san là a th' ann 'son nan sgeulachdan èibhinn aige mu Phara Shandaidh is criutha an Vital Spark, sgrìobh Niall Rothach cuideachd sgeulachdan goirid fìor mhath.
Bha na nobhailean eachdraidheil aige, leithid John Splendid, Doom Castle agus an New Road, gam meas aig àrd-ìre agus iad fhathast a' còrdadh ri luchd-leughaidh ùra san là a th' ann.
Ged a tha cliù an sgrìobhadair cho àrd 's a bha e a-riamh, chan eil teagamh nach robh an aois a' laighe air a' charragh-chuimhe ann an Gleann Aora agus bha feum air obair-càraidh.
Tha an t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid a' fuireach faisg air làimh san Fhùirneis agus tha e a' cur taic ri obair Chomainn Nèill Rothaich.
"Bha clach shònraichte, clach shnàithte, anns a' charragh-chuimhne agus bha e air tuiteam", thuirt Mgr MacLeòid.
"Mionaideach"
"Bha aca ri clach eile a chur na h-àite agus 's e obair gu math mionaideach a bha sin.
"Tha 80 bliadhna anns an Iuchar bho chaidh a' charragh-cuimhe fhosgladh agus tha e ann an àite air cnoc far a bheil gaoth is uisge fad na bliadhna agus tha e math gu bheil seo a' tachairt", thuirt e.
Thuirt Àrd-Oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Moireasdain, gu bheil iad moiteil an ceangal a th' aca ris an "sgrìobhadair as aithnichte às Earra-Ghàidheal" ùrachadh.
Thuirt e gu bheil e iomchaidh taic a chur ri daoine a rinn na h-uimhir às leth cultar, cànan is cèol Ghàidheal na h-Alba.
Tha dùil ri cuirm oifigeil 'son an obair a chomharrachadh san Damhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal 2015