Ùghdarrasan "ro shlaodach" a thaobh teine

Sràid na h-Acadamaidh.
Image caption Tha sgafallachd ann fhathast timcheall an togalaich air Sràid na h-Acadamaidh.

Chaidh fhàgail air na h-ùghdarrasan ann an Inbhir Nis nach do ghluais iad sgiobalta gu leòr gus meadhan a' bhaile fhosgladh às ùr às dèidh teine sa Ghiblean.

Rinn an teine sgrios air togalach anns an robh bùth M&Co air Sràid na h-Acadamaidh.

Tha sgafallachd ann fhathast agus le aon shlighe de Shràid na h-Acadamaidh ri taobh an togalaich fhathast dùinte, tha buaidh air trafaig a tha a' siubhail tro mheadhan Inbhir Nis

Tha dùil gum bi an dà shlighe fosgailte bhon Damhair.

Thuirt Ceannard Sheòmraichean Malairt Inbhir Nis, Stiùbhairt Nicol, nach eil sin math gu leòr.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Luchd-smàlaidh a' strì ris an teine.

"S ann bho chionn ceithir mìosan a bha an teine seo is tha e coltach gum bi dà mhìos eile ann mus fosgail an rathad ceart", thuirt Mgr Nicol.

"S e suidheachadh dùbhlanach a tha sin agus chan e an t-seòrsa teachdaireachd a tha sinn airson sgaoileadh mu mheadhan a' bhaile.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil plana ann a-nise an sgafallachd a lùghdachadh agus an rathad fhosgladh. Tha sin math, ach bha còir aig sin a bhith air a dhèanamh bho chionn fhada", thuirt Mgr Nicol.

Thuirt gnìomhachasan san sgìre gu bheil iad air fulang ri linn an teine.

Dh'innis Sharon Paterson, leis a bheil bùth Needles and Pins, gu bheil a malairt sìos 75% an taca ris an àbhaist.

Chaidh Comhairle na Gàidhealtachd às àicheadh na thuirt Stiùbhairt Nicol.

Thuirt Manaidsear Bhaile Inbhir Nis aig Comhairle na Gàidhealtachd, Dàibhidh Haas, gun robh iad air obrachadh "gun sguir" gus an gabhadh an togalach a chur air ais mar a bha cho luath 's a ghabhas.

Thuirt Mgr Haas nach fhaiceadh e ciamar a b' urrainn dhan ghnothach a bhith air gluasas dad nas luaithe.