Litir mu thidsearan pròbhaidh Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha buidheann a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan ionadail a bhios a' faighinn taic shònraichte airson foghlam Gàidhlig ag iarraidh barrachd èisteachd fhaighinn a thaobh càite an tèid tidsearan a th' air ùr-cheumnachadh a chur ann an dreuchd.
Tha luchd-teagaisg ùra a' faighinn bliadhna fo stiùireadh ann an grunn sgìrean ann an Alba.
Tha Coinneach Moireach, cathraiche na Buidhne Stiùiridh Rianachd, air sgrìobhadh chun an Riaghaltas mun chùis.
"Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còignear thidsearan pròbhaidh am-bliadhna a tha a' dol gu bun-sgoiltean a tha a' tabhainn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt e.
Feumalachdan
"Tha sin feumail agus cuideachail. Bha sinn ag iarraidh ochdnar.
"Ach a' phuing a tha sinne airson a chur thairis leis an Riaghaltas is Bòrd na Gàidhlig, gum bu chòir dha ùghdarrasan ionadail a bhith air an toinneadh a-staigh fada nas teanna dhan phròiseas na tha sinn aig an ìre seo.
"'S e a th' ann ach gu bheil e cudromach an-dràsta gu bheil na h-ùghdarrasan ionadail a' biadhadh a-steach dhan phròiseas, airson gur e na h-ùghdarrasan ionadail a tha a' fastadh nan tidsearan, a tha a' toirt chothroman dha na tidsearan, agus bhiodh e fada na b' fhasa dhuinne, leis an dealbhachadh luchd-obrach a th' againn ri dhèanamh, ma tha sinn ag obair còmhla mar bhuidhinn de dh'ùghdarrasan ionadail tron Bhuidhinn Stiùiridh Rianachd.
"Bhiodh e fada na b' fhasa an uair sin dealbh nàiseanta fhaighinn eadar na h-ùghdarrasan ionadail a tha a' lìbhrigeadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus an uair sin bhiodh e na b' fhasa dha na h-àireamhan a bhith air an dèanamh nas ciallaiche.
"Tha sinn a' faicinn gu bheil tòrr de na tidsearan an-dràsta a' fuireach shìos aig deas.
"Agus ged a tha an siostam a' toirt cothrom dha tidsearan taghadh càite a bheil iad ag iarraidh a dhol, 's e an rud a tha cudromach dhuinne ach càite a bheil na feumalachdan?
"Càite a bheil feumalachdan a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig? Càite a bheil na beàrnan a dh'fheumas sinn a lìonadh?
"Ma tha sinn a' toirt sùil air adhart thar bliadhna no dhà, feumaidh sinn sin a dhèanamh eadar na h-ùghdarrasan ionadail, agus an Riaghaltas agus Bòrd na Gàidhlig, ag obair còmhla," thuirt e.