Rabhadh mu shàbhalaidhean
- Air fhoillseachadh

Chaidh innse do chomhairlichean na Gàidhealtachd gur dòcha nach gabh cuid de na sàbhalaidhean a bha san amharc aca a chur an sàs.
Thàinig an rabhadh bho stiùiriche ionmhais na Comhairle, Derek Yule, is e ag ràdh gu bheil co-dhiù £6m de shàbhalaidhean a bhios gu math doirbh a choileanadh.
Chuir an t-ùghdarras romhpa fhèin mar thà còrr is £40m a chùmhnadh san ath thrì bliadhna.
Dh'aontaich iad san Dùbhlachd mar a ghabhadh £18m a shàbhaladh.
Am measg eile, tha iad air atharrachaidhean a thoirt air adhart a thaobh là na sgoile aig ìre àrd-sgoile, air na th' aca de thidsearan agus lùghdachadh ann an cosgaisean nan comhairlichean.
Trioblaid
Tha cuid dhiubh sin nan trioblaid.
"Cha chanainn gu bheil dad air a dhol ceàrr, ach tha cuid dheth ceangailte ri gealltanasan a th' againn ris an Riaghaltas a thaobh an fhoghlaim, cuid dheth a thaobh riaghailtean mu shiubhail dhan sgoil, cuid a thaobh seirbheisean a tha gan roinn le buidhnean eile. Tha grunn rudan ann a tha nan trioblaid dhuinn aig an ìre seo", thuirt Mgr Yule.
Aithris Eileen NicDhòmhnaill mu ghearraidhean Comhairle na Gàidhealtachd
Tha sin a' fàgail cheist mu £6m de shàbhalaidhean, thuirt e.
Cha robh na comhairlichean air fad air an dòigh leis an t-suidheachadh.
Thuirt Maxine Nic a' Ghobhainn, a bha roimhe os cionn a' bhuidseit nuair a bha an SNP sa buidhinn-riaghlaidh, nach robh i idir a' gabhail ris a' mhòr-chuid de na thuirt Mgr Yule.
Duilgheadas
Thuirt i gu bheil i a' tuigsinn gu bheil duilgheadas ann a thaobh àireamhan luchd-teagaisg oir bha a' Chomhairle air airgead a ghabhail bho Riaghaltas na h-Alba gus am poileasaidh a chur an sàs.
Tha sin fhathast a' fàgail £5.5m de shàbhalaidhean eile a ghabhadh a chur an sàs, thuirt i.
Dh'iarr i air oifigich sùil às ùr a thoirt air an t-suidheachadh.
Air a' cheann thall, chaidh aontachadh an gnothach a chur air ais ann an làmhan nan oifigeach.
Thuirt Derek Yule gum bi aca ri coimhead air roghainnean eile mura gabh na sàbhalaidhean seo a dhèanamh, nam measg dreuchdan nach deach a lìonadh fhàgail bàn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios 2015