Tòrr na Grèine ga stèidheachadh
- Air fhoillseachadh

Chruinnich còrr is 100 neach aig làrach Thòrr na Grèine is am baile ùr ga stèidheachadh gu h-oifigeil Diardaoin.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead dhan leasachadh faisg air Port-Adhair Inbhir Nis ann an 2012.
Bha connspaid gu leòr ann aig an àm nuair a chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad gun bhòt, is oifigearan ag ràdh nach b' urrainn do chomhairlichean cur na aghaidh leis gun robh e ann am Plana Leasachaidh Ionadail na Gàidhealtachd.
Fearg
Chuir sin fearg air cuid is air a' cheann thall bha bhòt ann, le comhairlichean a' bhòtadh 17-3 'son cead a thoirt dhan leasachadh.
Thathas an dòchas gum bi, air a' cheann thall, còrr is 10,000 duine a' fuireach sa bhaile ùr, le trì bun-sgoiltean is àrd-sgoil ann.
Tha an luchd-leasachaidh, Oighreachdan Mhoireibh, ag ràdh, ge-tà, gun toir e suas ri 50 no 60 bliadhna an ìre sin a ruighinn.
Mar phàirt den chiurm Diardaoin gus stèidheachadh a' bhaile a chomharrachadh, chaidh tursachan sònraichte fhoillseachadh.
Pàirc
Tha dùil air a' cheann thall gum bi na clachan air an stèidheachadh ann am pàirc ann am meadhan a' bhaile.
Bha Iarla Mhoireibh, Iain Stiùibhairt, Ministear Iomairt Riaghaltas na h-Alba, Fearghas Ewing, is Probhost Inbhir Nis, Helen Carmichael, a-measg na bha an làthair aig a' chiurm.
Bidh 190 taigh sa chiad phàirt den leasachadh.