Taic-èiginn dha croitearan is tuathanaich

Bò san uisge.
Image caption Tha an droch shìde air tuathanaich is croitearan fhàgail ann an staing.

Stèidhich Riaghaltas na h-Alba buidheann-obrach a bheir cuideachadh do thuathanaich agus croitearan air an tug an droch shide buaidh am-bliadhna.

Gheall Ministear nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, cuideachd gun tèid an taic-airgid àbhaisteach a phàigheadh ann an deagh àm.

Thàinig an naidheachd is am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, is Mgr Lochhead air coinneachadh ri ceannardan a' ghnìomhachais.

Tha croitearan is tuathanaich air draghan a nochdadh tric am-bliadhna gu bheil call a' tighinn orra ri linn na h-aimsir.

Eileanan

An t-seachdain seo fhèin, thuirt fear de stiùirichean Margaidh Sprèidh Leòdhais agus na Hearadh, Dòmhnall MacLeòid, gum bu chòir dhan riaghaltas cuideachadh a bharrachd a thoirt do chroitearan eileanach gu sònraichte air sgàth agus mar a thug an droch shamhradh buaidh air a' ghnìomhachas.

Chuir Aonadh nan Tuathanach fàilte air an naidheachd, ach thuirt iad gu bheil na h-uidhir ann a dh'fhaodadh an Riaghaltas dèanamh airson an cuideachadh.

Thuirt an t-aonadh gu bheil mar a tha prìsean a' tuiteam agus an droch aimsir a' fàgail gu bheil cuid a' fàgail a' ghnìomhachas.

Dh'iarr iad gun dèan an Riaghaltas nas urrainn dhaibh gus toirt air luchd-ceannach cothrom na fèinne a thoirt do bhiadh na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile