Croitearan òga a' cruinneachadh
- Air fhoillseachadh

Cruinnichidh buidheann de chroitearan òga ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach Disathairne a bheachdachadh air de seòrsa saoghail agus dùbhlain a tha ro dhaoine òga ann an croitearachd.
'S e Caidreachas Croitearachd na h-Alba a chuir a' bhuidheann air bhonn, agus chan eil an seo ach aon tachartas air feadh Alba air an deireadh-sheachdain seo a' coimhead air suidheachadh ath-leasachaidh an fhearainn ann an Alba.
Thig na croitearan òga còmhla aig Ionad Cholumba 1400 ann an Stafainn gus beachdan a dheasbad air a' cheist, agus airson eòlas agus sgilean a thogail bho chroitearan na sgìre.
"Dhomh fhèin, gun chroitearachd san teaghlach, chan eil dùil agam croit fhaighinn bho chàirdean," thuirt Cheryl Nic an t-Saoir, a bhuineas do Ghlaschu, ach a tha a' fuireach san t-Sruthan san Eilean Sgitheanach.
Airgead-Calpa
"Ach tha mi gu math dealasach mu dhòigh-beatha na croitearachd, an traidisean agus an cultar.
"Tha mi air tòrr ionnsachadh, agus saoilidh mi gun obraichinn gu math an lùib bhaile croitearachd.
"'S e cothrom air fearann gun airgead-calpa air mo chùlaibh an-dràsta.
"Ach tha sinn a' faighinn mòran theachdaireachdan gu bheil feum air barrachd dhaoine òga air an fhearann.
"'S e ciamar a bheir thu sin gu buil nuair nach eil airgead mòr aig daoine òga airson croitean a cheannach," thuirt i.
Tha an tachartas mar phàirt de dh'iomairt Ar Tìr, a tha a' coimhead air suidheachadh sealbh an fhearainn ann an Alba, agus na molaidhean a th' ann am Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn a thèid air beulaibh na Pàrlamaid air an ath-mhìos.
Tha an iomairt ag ràdh gu bheil iad airson aire an t-sluaigh a thoirt do cho mì-chothromach 's a tha smachd air fearann na h-Alba.
Thathas a' gabhail Fèis Fhearainn na h-Alba air an deireadh-sheachdain, le iomadh tachartas a' gabhail àite.
Nam measg bidh coinneamh phoblach ann an Ìle, agus là de bhùithdean-obrach aig Urras Coille Obar Itheachain.
Anns an Eilean Sgitheanach, an dèidh a' chruinneachaidh ann an Stafainn, bheir Anna Mhàrtainn, aig a bheil croit ann an Cille Mhoire, buidheann air cuairt gu làrach seann bhaile Ghrialain.
Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn
"'S e baile air cùl Lianacro ann an Cille Mhoire a tha seo," thuirt i.
"Agus 's e deagh eisimpleir de na seann bhailtean far an robh daoine a' fuireach ro na fuadaichean.
"'S e cothrom a th' ann dìreach a dhol suas agus a choimhead air na seann taighean, agus a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn mar a bha e 's dòcha 200 bliadhna air ais, agus smaoineachadh mu dheidhinn nan laghan a thàinig a-steach ceud bliadhna air ais, agus dè dh'fhaodadh sinn a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn sin, agus dìreach beachdachadh air mar a tha cùisean an-diugh," thuirt i.
'S ann mu na h-oighreachdan mòra a tha gu leòr den deasbad air ath-leasachadh an fhearainn air a bhith, agus gu bheil leithid de thalamh phrìobhaideach na h-Alba ann an làmhan dìreach 432 neach.
Ach tha faireachdainn am measg an fheadhainn a tha a' cur tachartasan deireadh na seachdain seo air dòigh gum bu chòir coimhead air suidheachadh na croitearachd mar phàirt de dh'achd ùr sam bith.
"Tha tòrr ri dhèanamh air Tìr Mòr agus far a bheil fearann mòr mòr aig daoine nach eil a' fuireach anns na h-àiteachan sin, agus nach eil a' cur an airgid a tha am fearann sin a' dèanamh air ais a-steach dha na coimhearsnachdan," thuirt Anna Mhàrtainn.
"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil daoine a' coimhead air an t-strì a th' aca ri taobh nan earrainnean sin.
"Ach feumaidh iad cuideachd a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn nan croitearan," thuirt i.
Tha cuspair an fhearainn a-rithist gu h-àrd air clàr-gnothaich an Riaghaltais.
Thèid coinneamh phoblach a chumail ann am Port Rìgh air an ath-mhìos far an cluinn Comataidh nan Cùisean Dùthchail, na h-Àrainneachd agus Atharrachadh na Sìde aig Holyrood, fianais bho iomadh eòlaiche, agus sgrùdadh a' leantainn air Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn.