Bun-sgoil Shlèite
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Comhairle a' diùltadh iarrtais thidseir

28 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh gabhail ri ath-chuinge an aghaidh an àireamh thidsearan Gàidhlig aig Bun-sgoil Shlèite a ghearradh bho thriùir gu dithis.

Rinn pàrantan gearain às dèidh dhan Chomhairle dearbhadh nach bi ann ach dithis ri linn 's gu bheil àireamh nan sgoilearan san sgoil air tuiteam fon ìre airson triùir.

Chuir Comataidh an Fhoghlaim aig a' Chomhairle aonta ris a' phoileasaidh gum bu chòir tidsear a bhith ann 'son gach 25 sgoilear.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.