Clamhain-ghobhlach eile air am marbhadh

Chaidh dà chlamhan-gobhlach a bharrachd a chur ris an àireimh de dh'eòin a chaidh a mharbhadh gu mì-laghail air a' Ghàidhealtachd an-uiridh.

Chaidh eun a lorg faisg air a' Mhanachainn le fear eile ga lorg faisg air Caladar.

Chaidh 18 a mharbhadh uile gu lèir.

Bho chaidh clamhain-ghobhlach a thoirt air ais a dh'Alba bho chionn 26 bliadhna, tha dùil gun deach còrr air ceud aca a mharbhadh.

Chaidh a' mhòr-chuid aca a phuinnseanachadh.