Plana gus Highlife Highland agus Inverness Leisure a chur còmhla
- Published
Fhuair planaichean airson dà bhuidhinn a tha a' ruith sheirbheisean do Chomhairle na Gàidhealtachd a chur còmhla cead.
Tha an t-ùghdarras ionadail den bheachd gun sàbhail iad airgead le bhith a' cur Highlife Highland agus Inverness Leisure còmhla.
Chaidh iarraidh air ceannardan an dà bhuidhinn plana a chur ri chèile airson a dhol còmhla ron 30mh là den t-Sultain.
Tha Inverness Leisure a' ruith an ionad-snàimh as motha anns an sgìre.