Figearan marbhaidh nan ròn gam foillseachadh

Ròin Image copyright Getty Images
Image caption Gheibh na companaidhean cead gus na beathaichean a mharbhadh gus stocan èisg a dhìon.

Mharbh companaidh bhradan às an Òban ròin a bharrachd le gunna gus an stoc a dhìon san dà bhliadhna mu dheireadh na companaidh sam bith eile.

Thàinig na figearan à Riaghaltas na h-Alba.

Tha na h-àireamhan a' toirt cunntais air cia mheud ròn a chaidh a mharbhadh le gunna le companaidhean èisg ann an Alba san dà bhliadhna a chaidh seachad - cha-mhòr 180 uile gu lèir.

Chaidh na figearan a sgaoileadh le Riaghaltas na h-Alba às dèidh iarrtais bho luchd-iomairt.

Sheall iad gun do loisg Scottish Sea Farms, a tha stèidhichte san Òban, air 58 de na beathaichean - barrachd na companaidh sam bith eile.

An uair sin, bha Hjaltland Sea Farms à Sealtainn, a mharbh 38.

Bha luchd-iomairt a' cumail a-mach bho thùs gum bu chòir am fiosrachadh seo fhoillseachadh dhan phoball.

Gheibh na companaidhean cead gus na beathaichean a mharbhadh gus stocan èisg a dhìon.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e losgadh air na ròin an roghainn mu dheireadh a bu chòir a bhith ann.