Òrdugh ghoil air bùrn an taobh siar

Chaidh innse do mu 230 dachaigh air Taobh Siar Leòdhais gum feum iad uisge an tap a ghoil mus tèid a chleachdadh.

Tha seo a' tighinn an dèidh do dheuchainnean sealltainn nach robh an t-uisge aig ìre.

'S ann an Tolastadh a' Chaolais, Breascleit, Calanais , Linsiadar agus Gearraidh na h-Aibhne a tha na dachaighean.

Thuirt Uisge na h-Alba gun do sheall deuchainn nach robh am bùrn aig an ìre a bu chòir agus gum bu chòir a ghoil airson sàbhailteachd.

Bu choir am bùrn a ghoil airson òl agus airson deasachadh bìdhe, ach tha e ceart gu leòr airson a bhith gad nìghe fhèin.

Thig fios tro litir eile agus làrach-lìn Uisge na h-Alba nuair a bhios e sàbhailte am bùrn òl gun a bhith ga ghoil ged nach robh dearbhadh ann cuin a bhitheadh sin.