Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Faslann

Tha an Seansalair Seòras Osborne, air a bhith a' dìon co-dhùnadh an Riaghaltais £500m a chosg air leasachaidhean aig ionad Faslann. Thuirt e gun tèid an obair air adhart airson dà adhbhar: gus am bi an làrach deiseil airson cabhlaich niuclasaich ùir a thèid an àite Trident, agus gus dèanamh cinnteach gum bi bàtaichean-aigeann stèidhichte ann. Tha an SNP mì-thoilichte gu bheil seo a' dol air adhart mus deach Trident a dheasbad anns an Cumantan.

Gàradh MhicFhearghais

Chaidh Gàradh MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu ainmeachadh mar a' phrìomh thagraiche airson dà aiseag ùr a thogail. Thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon, gum bi an cùmhnant, luach £97m a' ciallachadh gum bi na h-obraichean aig 150 duine sàbhailte agus gun tèid cosnaidhean ùra a chruthachadh. Chaidh an gàradh fodha bho chionn bliadhna, ach chaidh a ghabhail thairis leis an fhear-ghnothaich Jim MacColla. Dh'innis Mgr MacColla an t-seachdain achaidh gun robh e a' dol a dhèanamh leasachaidhean mòra aig a' ghàradh.

Raon Ùr Gas

Chaidh cead a thoirt seachad airson raon mòr gas a leasachadh sa Chuan a Tuath. Ron bhliadhna 2020 dh'fhaodadh 5% den ghas a tha Breatainn a' cleachdadh a bhith a' tighinn bho Raon Culzean a tha far chosta na h-Alba.

Bùrn

Chaidh innse do dhaoine air taobh siar Leòdhais gum feum iad uisge an tap a ghoil mus cleachd iad e. Fhuair deuchainnean nach eil am bùrn an-dràsta aig an ìre is còir. Tha an suidheachadh a' toirt buaidh air 230 dachaigh eadar Tolastadh a' Chaolais, Breascleit, Calanais, Linisiadar agus Gearraidh na h-Aibhne.