£10,000 do Ghàidhlig Dhail Riata

Clàr nan dualchainntean
Image caption Tha a' bhuidheann an dòchas gun gabh an aon mhodal cleachdadh airson dual-chainntean eile ath-bheothachadh.

Chaidh còrr agus £10,000 a thogail ann an iomairt ath-nuadhachadh a thoirt air dual-chainnt Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal.

Tha fear às an sgìre air a bhith a' feuchainn ri airgead a chruinneachadh 'son Gàidhlig Dhail Riata a chur mu choinneimh an t-sluaigh agus goireas a stèidheachadh far an deadh aig daoine air an dual-chainnt ionnsachadh.

Chaidh aig a' phròiseact air an airgead a thogail gu math nas luaithe na bha dùil aca, le naoi làithean air fhàgail den iomairt an dèidh dhaibh a h-uile sgilinn a thrusadh.

Tha dùil gur e tarraing a' phrògraim thelebhisein Outlander a bh' air cùlaibh gu leòr den taic.

Dual-chainntean eile

"'S e rud a th' ann, nuair a bhios tu airson dual-chainnt sam bith ionnsachadh, tha e gu math duilich fiosrachadh fhaotainn air dè mar a bha e, dè seòrsa coltais a bh' oirre," thuirt Àdhamh Ó Broin, on bhuidhinn Droitseach, a th' air cùl a' phròiseict.

"Mar sin, bha sinne am beachd a h-uile gnothaichean - na sgeulachdan, 's a' bhàrdachd, 's na h-òrain 's an facail 's a h-uile rud a thoirt còmhla don aon àite gus am bi an dual-chainnt ri ionnsachadh bho àite sam bith anns an t-saoghal.

"Chan eil ach aon duine a-nis ann a th' air a bhith ga bruidhinn bho thùs, agus mar sin tha e gu math cudromach gum bi goireas ann, 's gum faod daoine às bi càite a bheil iad an dual-chainnt ionnsachadh.

"Tha mi ag iarraidh gum bi an cothrom aca ma tha iad ag iarraidh sin a dhèanamh, gum faod iad sin a dhèanamh.

"Tha £4,000 a' dol gu Mìcheal Bauer aig Akerbelz airson na leabhraichean aig Nils Holmer nach deach fhoillseachadh riamh, mar a theireadh tu "digitisation" a dhèanamh air sin.

"'S e obair ana-mhòr a tha sin. Tha na mìltean de dh'fhacail agus sgeulachdan 's gnothaichean ann, agus feumaidh iadsan a bhith ann an cruth didseatach gus am faod daoine an uisneachadh gu ceart.

"Gabhaidh mi fhèin £3,000 dheth sin gus am faod mi dà mhìos a chur seachad a' deasachadh nan goireasan eile - a' bhàrdachd 's na h-òrain 's a h-uile gnothaichean a tha mi air trusadh rè nam bliadhnaichean.

"Agus beagan airgid airson mar a their iad "launch night" a chur air dòigh gus am faod daoine tighinn agus faicinn na th' anns an làrach-lìn, agus beagan ciùil agus gnothaichean gus am bi fios aig daoine gu bheil seo air dòigh.

"Agus beagan airgid eile, theagamh gun tèid gnothaichean ceàrr, gum bi airgead a dhìth airson gnothaichean eile. Agus £1,000 do Sgoil Eòlais na h-Albann, bhon tha sinn ag iarraidh gum bi iad comasach seann chlàran a thoirt seachad dhuinn. Ach bidh feum acasan air obair-deasachaidh a dhèanamh air sin," thuirt e.

Tha Àdhamh an dòchas gun gabh am modal seo a chleachdadh airson dual-chainntean eile ath-bheothachadh.

"Sin an dearbh rud air an robh sinn a-mach. Bhon, le Droitseach, 's e seo a' chiad iomairt dual-chainnt againn," thuirt e.

"Tha mi an dòchas gum faod sinn a shealltainn don t-saoghal gum faod dual-chainntean eile tighinn beò às ùr cuideachd," thuirt e.