Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ungar

Chaidh aon de na prìomh stèiseanan rèile ann am prìomh bhaile na h-Ungaire, Budapest, a dhùnadh airson greis madainn an-diugh an dèidh mar a dh'fheuch na ceudan de dh'in-imrich ri faighinn air bòrd trèanaichean a bha a' dèanamh air an Ostar agus a' Ghearmailt. Tha còrr air mìle neach a-nis air cruinneachadh taobh a-muigh an stèisein, 's iad air an cuairteachadh leis na Poilis, ach chan eil na Poilis a' leigeil leotha a dhol a-steach dhan stèisean idir.

Prògram Reachdais

Bidh foghlam agus sochairean aig teis-mheadhan prògam reachdais Riaghaltas na h-Alba airson na bliadhna ri teachd, a thèid fhoillseachadh nas fhaide den là. Bidh Nicola Sturgeon a' mìneachadh mar a tha i am beachd cumhachdan ùra a gheibh Holyrood a dh'aithghearr a thaobh sochairean a chleachdadh am measg eile 's i a' bruidhinn anns a' Phàrlamaid feasgar.

Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis

Tòisichidh obair gu h-oifigeil an-diugh fhathast air ceangal-rathad chun an iar air baile Inbhir Nis. Cosgaidh am pròiseact còrr air £55m. Ach tha a' Chomhairle ag ràdh gun toir e piseach air seirbheisean còmhdhail timcheall a' bhaile le a bhith a' dol tarsainn air a' Chanàl Chaileannach agus Abhainn Nis. Ach tha luchd-strì a tha a' seasamh na aghaidh ag ràdh gun tèid milleadh a dhèanamh air cuid den talamh uaine as fheàrr anns a' bhaile.

Rangers

Tha Teàrlach Green a bha na cheannard air Rangers an-dràsta ga cheasnachadh leis na Poilis ann an Glaschu, 's dùil gun tèid casaidean a chur na aghaidh an co-cheangail ris an ùine a chuir e seachad aig a' chluba. Ghabh e smachd air Rangers ann an 2012 an dèidh mar a chaidh iad ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach. Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè dìreach na casaidean a thèid a thogail na aghaidh.

Loch Baghasdail - Malaig

Tha luchd-strì a' cumail a-mach gu bheil cothrom an lùib an dà bhàt-aiseig ùr a th' air fàire gus seirbheis a ghealltainn eadar Loch Baghasdail agus Malaig. Tha dùil gum bi na bàtaichean, a tha gan togail aig Gàradh MhicFhearghais air Chluaidh, deiseil an ceann trì bliadhna, 's mar sin gum bi dà bhàt-aiseig a bharrachd anns a' chabhlach aca. Thuirt cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, gu bheilear ag iarraidh an t-seirbheis ùr a bhith mar phàirt de chùmhnant nan aiseagan a tha an-dràsta ga chur a-mach gu tairgse.