Dòchas do Loch Baghasdail le bàtaichean ùra

Loch Baghasdail
Image caption Chan eil an t-seirbheis air a cur an lùib phàipearan a' chùmhnant ùir.

Tha an dà bhàt-aiseig ùr th' anns an amharc aig Gàradh Shoithichean MhicFhearghais air Chluaidh a' toirt cothrom dhan Riaghaltas seirbheis aiseig ùr a thòiseachadh eadar Loch Baghasdal is Malaig, a rèir luchd-iomairt.

Tha dùil gum bi na bàtaichean deiseil an ceann trì bliadhna, agus mar sin, bidh dà bhàt-aiseig a bharrachd aig a' chompanaidh a bhios a' ruith na seirbheis.

Ach a rèir chathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac Ille Mhaoil, tha iad fhathast ag iarraidh seirbheis ùr a chur dhan chùmhnant airson nan seirbheisean aiseig a thèid a thoirt seachad as t-Earrach.

"'S e na thathas ag ràdh, ach gun tèid na bàtaichean a ghlèidheadh am broinn a' chabhlaich, agus mar sin gun tèid an cur sìos gu puirt eile a tha feumach orra," thuirt e.

"Gu dearbha, o chionn ochd bliadhna, chaidh cothrom air aiseag eadar Loch Baghasdail is Malaig a chur dhan chùmhnant airson Cluaidh is Innse Gall.

"Ach cha do thachair e, oir tha iad fhathst a' cumail a-mach nach robh soitheach ann air a shon.

"Tha sinn dha-rìribh san dearbh shuidheachadh san robh sinn o chionn ochd bliadhna, far nach eil aiseag Loch Baghasdail - Malaig anns a' chùmhnant, agus chan eil sinne a' tuigsinn carson a tha sin.

"Tha ge-tà, beagan dòchais ann, ma tha dà bhàt-aiseig a bharrachd ann, gum faigheadh Loch Baghasdail - Malaig prìomhachas.

"Ach, bu mhath leinn sin fhaicinn, agus tha e deatamach gun tèid an t-seirbheis sin a chur an lùib a' chùmhnant," thuirt e.