Seann rathad Ulapuil air nochdadh
- Air fhoillseachadh
Tha Loch a' Ghlas-Chàrnaich ann an Ros an Iar, air tràghadh cho mòr 's gum faicear seann rathad Ulapuil.
Chaidh an dàm a chruthaich an loch mar a tha e an-diugh anns na 1950an, le rathad ùr air a thogail ri thaobh.
Tha dà dhrochaid, agus pàirt de phòla theleghraif am measg na tha air nochdadh.
Thuirt SSE gun deach ìre an uisge san loch ìsleachadh a dh'aona-ghnothach, agus dùil ri uisge mòr as t-Fhoghair.
Tùs an deilbh, Calum Maclean
Tha an rathad air a bhith fon uisge o na 1950an.
Tùs an deilbh, Calum Maclean
Tha uisge an locha a' toirt chumhachd do dh'ionad-dealain.
Tùs an deilbh, Calum Maclean
Tha dà dhrochaid agus pìos de phòla theileagraif ri fhaicinn an-dràsta, a thuilleadh air earrainn den t-seann rathad.
Tùs an deilbh, Calum Maclean
Tha poll a' còmhdachadh gu leòr den rathad a-niste, ach chan eil a h-uile pìos dheth.