Rabhadh do mhuinntir Ulapuil

  • Air fhoillseachadh
UlapulTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh stuth a ghoid bho dhà thaigh anns a' bhaile

Tha na Poilis ag iarraidh air daoine ann an Ulapul dèanamh cinnteach gu bheil na dorsan aca glaiste air an oidhche agus na h-uinneagan aca dùinte, an dèidh mar a chaidh stuthan a ghoid bho dhà thaigh anns a' bhaile.

Chaidh falbh le bhana agus suim-airgid eadar £100 agus £1,000, ged a chaidh am bhana a lorg greis às dèidh làimhe.

Tha Poilis na h-Alba cuideachd ag iarradh air a' phoball fios a chur thuca ma chì iad càil amharasach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh