Airgead 'son phròiseactan san Rubha

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Tha trì crainn anns an tuath-ghaoithe.

Gheibh muinntir an Rubha cothrom tighinn gu là sònraichte gus tagradh a dhèanamh airson cuid den airgead a tha a' tighinn à tuath-gaoithe coimhearsnachd na sgìre.

Bidh Urras Leasachaidh an Rubha agus Shanndabhaig deiseil airson diofar bhuidhnean a chuideachadh bhon Earrach seo tighinn.

Agus ged a bha strì mhòr aca gus na trì crainn a th' aca fhaighinn, tha Àrd-Oifigear an Urrais, Dòmhnall Iain MacSuain, ag ràdh gun gabh leudachadh a dhèanamh.

"Tha sinn an ìre mhath air ceann-ùidhe a ruighinn," thuirt Mgr MacSuain.

"Ann an seachdain no dhà bidh sinn a' faighinn nan crann dhuinn fhìn. Bidh a h-uile càil deiseil, bidh iad air an togail, agus bidh iad a' cosnadh airgid dhuinn.

"Agus bha sinn an dòchas an là seo, Disathairne seo tighinn, gun tigeadh na buidhnean a tha dùil ri faighinn airgid bhuainn, gun tigeadh iad a-steach a dh'fhaicinn mar a thog sinn an tuath-gaoithe, agus gun dèan sinn beagan còmhraidh mu dheidhinn na slighe air adhart, agus ciamar a chuireas iad a-steach airson airgid.

"Ach tha sinn an dòchas cuideachd gun tig muinntir na sgìre fhèin, an Rubha agus Sanndabhaig, a-steach a dh'fhaicinn deilbh a chaidh a thogail nuair a bha sinn a' cur an-àirde nan crann, gun tigeadh iad a-steach a dh'fhaicinn an taisbeanaidh a tha sin.

"Chan eil iad a' toirt nan crann dhuinn fhathast, bidh sin a' tachairt an ceann cola-deug no mar sin.

"Gus am bi na trì aca ag obair airson còig là còmhla, cha toir iad dhuinn an t-iuchair airson an tuath-ghaoithe againn.

"Ach tha sinn an dùil gum bi a h-uile càil a tha sin air a rèiteach anns an t-seachdain a tha a' tighinn, gum faigh sinn na h-iuchraichean, agus gum bi an tuath-gaoithe againne 's ag obair dhuinn an ath-mhìos.

"Tha e air a bhith a' cosnadh airgid dhuinn mar thà, 'son chaidh na meataran a chur a-steach bho chionn timcheall air sia seachdainnean, agus a h-uile turas a tha gin sam bith aca a' cur car, tha iad a' cosnadh airgid dhuinn.

"Ach cha bhi a' chiad airgead againn air a chur a-mach bhon bhanca gu deireadh a' Mhàirt, no toiseach a' Ghiblein.

"Aig an àm sin bidh sinn an dòchas a' chiad airgead a chur a-mach dhan choimhearsnachd," thuirt e.