Obair Bile an Fhearainn a' tòiseachadh

Tòisichidh comataidh nan cùisean dùthchail aig Pàrlamaid na h-Alba a' dèanamh obair-sgrùdaidh air Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn madainn Dimàirt.

Tha am bile a' moladh atharrachadh a thoirt air uachdranas fearainn na h-Alba airson a dhèanamh nas fhasa do choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air an fhearann air a bheil iad a' fuireach.

Tha am bile cuideachd a' moladh atharrachadh a thoirt air faochadh chìsean do dh'oighreachdan spòrs, agus beachd gum bu chòir coimisean fearainn a stèidheachadh.

Thèid obair-sgrùdaidh na comataidh a thoirt a dh'Ionad Àrois san Eilean Sgitheanach Diluain seo tighinn.