Cuaraidh gun radium
- Air fhoillseachadh

Dhearbh deuchainnean nach eil stuth rèidio-beò ann an cuaraidh far an deach seann itealain chogaidh a thìodhlachadh às dèidh an Dàrna Cogaidh.
Dh'òrdaich Comhairle na Gàidhealtachd gun deadh sgrùdadh a dhèanamh air an t-seann chuaraidh ann an Kingsteps faisg air Inbhir Narann airson pìosan itealain air an còmhdachadh le peanta rèidio-beò.
Tha sgrùdadh a bharrachd den làraich a' leantainn eadar an t-Samhain 's an Nollaig, feuch dè a' bhuaidh a thug bliadhnaichean de bhith a' cleachdadh a' chuaraidh mar sìtig air an àrainneachd.
Ach tha a' Chomhairle ag ràdh ged a chaidh beagan stuth rèidio-beò a lorg gu nàdarra, nach deach radium a lorg.
A rèir beul-aithris, chaidh còrr air mìle itealan cogaidh a bhriseadh an-àirde, a losgadh agus a thìodhlachadh faisg air ionad-adhair an RAF aig Ceann Lois.
Chaidh sprùilleach cogaidh a bharrachd a lorg san sgìre anns na beagan bliadhnaichean a dh'fhalbh.