Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fògarraich

Tha na mìltean de luchd-imrich a' sìor-shiubhail gu tìr mòr na Grèige an-diugh agus an Riaghaltas an sin a' deasbad dè ghabhas dèanamh mun deidhinn. Thuirt buidheann chrìochan an Aonaidh Eòrpaich, Frontex, gun do ràinig 23,000 fògarrach a' Ghrèig an t-seachdain seo chaidh, a leth uimhir a-rithist 's a bh' ann an t-seachdain ron a sin. Agus tha còrr is 2,000 duine, a' mhòr-chuid dhiubh às an ear-mheadhanach, fhathast aig stèisean rèile ann am Budapest an dèidh do phoilis anns an Ungair stad a chur orra bho shiubhail air trèanaichean dhan Ostair agus dhan Ghearmailt an-raoir.

'S tha maill mhòr fhathast air seirbheisean Eurotunnel agus in-imrich air an rèile ann an Calais an-raoir a' feuchainn ri faighinn a Bhreatainn. Thàinig air luchd-siubhail ris an robh dùil ann an Lunnainn an-raoir fuireach airson na h-oidhche ann an Calais.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun do sgrìobh ise chun a' Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, ag ràdh gum biodh Alba deònach àite a thoirt do luchd-siridh comraich. Thuirt ise gu bheil i den bheachd gu bheil daoine san fharsainneachd ag iarraidh air Breatainn cuideachadh le suidheachadh nam fògarrach.

Ballrachd san AE

Bheir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte atharrachadh air an riaghailtean airson na mìos mu dheireadh den iomairt ron referendum air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Bha an Riaghaltas am beachd casg a thogail a bhiodh a' ciallachadh gum faodadh airgead poblach a chosg air an iomairt. Ach tha reubaltaich Thòraidheach ag ràdh gun toireadh sin buanachd dhan iomairt airson fuireach anns an AE, agus cho-dhùin an Riaghaltas an casg a chumail.

Uisge

Tha mòran dhachannan agus togalaichean eile ann an Dùn Èideann gun uisge an-diugh. Tha feadhainn eile a' gearain gu bheil droch dhath air an uisge. Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad a' rannsachadh na cùise, agus gun tèid an t-seirbheis a thilleadh cho luath 's a ghabhas. Tha meadhan a' bhaile am measg nan sgìrean air a bheil seo a' toirt buaidh.

Bile an Fhearainn

Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba a' tòiseachadh an-diugh air sgrùdadh Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn. Tha am bile a' moladh atharrachadh air uachdranas fearainn na h-Alba gus a dhèanamh nas fhasa do choimhearsnachdan sealbh a ghabhail air an talamh air a bheil iad a' fuireach. Tha am bile cuideachd a' moladh atharrachadh air faochadh chìsean do dh'oighreachdan spòrs. Bidh a' Chomataidh a' gabhail fianais anns an Eilean Sgitheanach an ath-sheachdain.