Dùbhlan fhathast ro "Fàs Mòr"
- Air fhoillseachadh
Tha Ionad Cùraim Chloinne Fàs Mòr anns an Eilean Sgitheanach air dithis luchd-obrach a bharrachd fhastadh ach tha tuilleadh a dhìth orra fhathast.
Bha dragh ann gum faodadh an t-ionad dùnadh air sgàth gainnead luchd-obrach.
Tha iad a-nis air manaidsear ùr fhastadh, a bhios ag obair ann pàirt-ùine anns a' chiad dol a-mach, agus obraiche cluiche aig àrd-ìre.
Maoineachadh
Tha ceist ann fhathast ge-tà, mu mhaoineachadh an ionaid, agus mar a ghabhas a chur air stèidh nas seasmhaiche anns an ùine fhada.
Fhuair Fàs Mòr taic-airgid fad trì bliadhna bho Bhòrd na Gàidhlig ach thàinig sin gu ceann, ged a fhuair iad maoineachadh airson bliadhna eile.
Bidh aca ri iarrtas ùr a chur a-steach airson taic-airgid an ath-bhliadhna.
Thuirt Flòraidh Forest, a tha na ball den Bhòrd-Stiùiridh, gun robh aca ri dòighean-obrach Fàs Mòr atharrachadh - a' fàgail nach urrainn dhan ionad a bhith cho sùbailte 's a b' àbhaist dha a bhith.
"Tha sinn air "booking system" ùr a thoirt a-steach a tha a' dèanamh chùisean nas teanna. B' àbhaist do Fàs Mòr a bhith uabhasach sùbailte agus bha sin fìor mhath dha na pàrantan - mi fhìn nam measg - ach cha robh e uabhasach math airson gnìomhachas".
Tha an siostam ùr a' dèanamh chùisean nas fhasa, thuirt i, a thaobh rianachd.
Bidh iad fhathast a' coimhead ri maoineachadh a bharrachd fhaighinn - bho leithid Bòrd na Gàidhlig air neo Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha an t-ionad cuideachd an dòchas co-dhiù dithis neach-obrach eile fhastadh fhathast.