Dithis a dhìth ann an Inbhir Nis

Seumas Callaghan
Image caption Chaidh Seumas Callaghan fhaicinn mu dheireadh Dimàirt.

Tha Poilis na h-Alba a' sireadh fiosrachaidh mu dhithis a tha a dhìth ann an Inbhir Nis.

Chaidh Seumas Callaghan, 58, fhaicinn mu dheireadh aig mu 3:00f Dimàirt air an Àrd-Shràid ann an Inbhir Nis.

Tha e geal, mu chòig troighean 's ochd òirlich de dh'àirde le falt liath.

Bha seacaid dhìonach le dath olive air, jeans gorm agus botannan coiseachd.

Tha na Poilis cuideachd a' sireadh fiosrachaidh mu Zenon Szymocha, 53, 's dùil gum faodadh e cuideachd a bhith ann an Inbhir Nis.

Image caption Tha dùil gum faodadh Zenon Szymocha a bhith ann an Inbhir Nis.

Tha e tapaidh le falt liath agus geal, agus aodann dearg air.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine aig a bheil fiosrachadh mu dhuine seach duine aca fònadh thuca air an àireamh-fòn 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile