Ionad spòrs mòr ùr do dh'Inbhir Nis?
- Air fhoillseachadh

Beachdaichidh comhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin air co-dhiù bu chòir ionad spòrs mòr a stèidheachadh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Innsidh aithisg a thèid air beulaibh bhall gun cosgadh am pròiseact còrr is £23m.
A rèir oifigearan na Comhairle 's e Pàirce a' Bhught air taobh siar Inbhir Nis an t-àite a b' fheàrr airson an ionaid.
Tha amar snàimh an Aquadome agus ionad spòrs an-dràsta stèidhichte ann.
Bhiodh goireasan ann airson teannas, lùth-chleasachd, judo agus gymnastics anns an ionad ùr.
Thèid iarraidh air buill còrr is £140,000 a chur an dàrna taobh airson na planaichean a thoirt air adhart.
Tha an t-ùghdarras ionadail mar thà air aontachadh gur anns an dearbh sgìre a bhiodh na pàircean rugbaidh agus raon goilf Thòrr Bheathain, agus iad gan gluasad ri linn ceangal-rathad an iar a' bhaile a bhith ga thogail.