Cobhair gu Calais

  • Air fhoillseachadh
Calais
Fo-thiotal an deilbh,
Tha stuth-fasgaidh, stuth-glanaidh, cotaichean blàth agus oillsginean a dhìth gu cabhaigeach air na daoine a tha a' tighinn beò ann an campaichean ann an Calais.

Fhad 's a tha an deasbad eadar-nàiseanta a' dol mu na h-in-imrichean, tha feadhainn air a' Ghàidhealtachd a' cur cobhair chun an fheadhainn a tha a' campachadh ann an Calais.

Tha stuth ga chruinneachadh thall 's a-bhos an dèidh do dhaoine tighinn còmhla tro na meadhanan sòisealta.

Tha nurs òg às Inbhir Nis, Seumas Shewan, an dùil bhana a dhràibheadh gu Newcastle Didòmhnaich, le luchd de stuth a tha a dhìth gu cabhagach air na in-imrichean ann an Calais, gus a thoirt do bhuidhinn a bheir ann e.

Chuir e teachdaireachd air Facebook bho chionn dà là, a' toirt cuireadh do a chàirdean tighinn còmhla agus stuth a chruinneachadh ann an Inbhir Nis 's air a' Ghàidhealtachd, 's a thoirt a Chalais.

Chaidh an teachdaireachd sin a sgaoileadh, agus an dèidh dìreach là bha Seumas air brath fhaighinn bho na ceudan, 's gu leòr aca a' tabhainn stuth a thoirt dha.

Fhuair e a-mach gun robh feadhainn eile air Ghàidhealtachd a' beachdachadh air an aon rud a dhèanamh, agus chaidh e an uair sin an co-bhuinn leothasan.

"Chunna' mi na dealbhan air na naidheachdan, 's bha mi a' faireachdainn gun chumhachd dad a dhèanamh mu dheidhinn, 's shaoil mi, uell, dèanamaid rudeigin mu dheidhinn seo," thuirt e.

"Dèanamaid rudeigin air Ghàidhealtachd, feuch beagan stuth a chur ann sinn fhèin.

"Bha fhios agam gu bheil muinntir na Gàidhealtachd gu math fialaidh, 's gum biodh iad deònach stuth a thoirt seachad.

"Cha do rinn mi ach brath a chur air Facebook, agus chaidh a sgaoileadh fada is farsainn."