Bùth a' Chlachain gus dùnadh

Bùth a' Chlachain Image copyright Geograph / Stuart Wilding
Image caption Tha bùth air a bhith air an làraich aig Clachan an Lùib bho chionn 140 bliadhna.

Dùinidh bùth a' Chlachain ann an Uibhist a Tuath air an 17mh là den t-Sultain, 's an fheadhainn a tha a' ruith na bùtha ag ràdh nach eil roghainn aca ach a dùnadh.

Tha bùth air a bhith air an làraich aig Clachan an Lùib bho chionn 140 bliadhna.

Tha Adele agus Lee Coleman air a bhith ga ruith fad dusan bliadhna, ach tha iad ag ràdh gu bheil adhbharan eaconamach a' fàgail nach tèid aca air a cumail a' dol tuilleadh, ri linn 's nach eil i prothaideach tuilleadh, agus cleachdaidhean luchd-ceannaich air atharrachadh ann an dòigh nach gabh freagairt le bùth bhig.

Thuirt a' Bh.Ph. Coleman gu bheil faraidhean aiseig RET cuideachd air buaidh a thoirt air a' bhùth, agus daoine le bhanaichean-campachaidh a' toirt leotha stuth air am bi iad feumach à Tìr-Mòr, seach a bhith ga cheannach san eilean.

Chan eilear air co-dhùnadh a dhèanamh fhathast co-dhiù fuirich oifis a' phuist ann, fosgailte, agus a' Bh.Ph. Coleman ag ràdh gur dòcha gun cum i a' dol i beagan mhìosan eile gus am faighear àite eile dhi.