Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bun-phrìs

Chuir Cùirt Cheartais na h-Eòrpa teagamh ann am plana Riaghaltas na h-Alba airson bun-phrìs air deoch-làidir. Thuirt riaghladh cùirte an-diugh gu bheil cunnart ann gum briseadh an lagh, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba mar thà, riaghailtean saorsa malairt na h-Eòrpa. Thuirt ceannard na Cùirte Eòrpaich nach biodh bun-phrìs laghail ach a-mhàin le dearbhadh nach eil dòigh eile ann, leithid chìsean, air buanachd a dhèanamh do shlàinte a' phobaill.

Stad is Rannsachadh

Thuirt aithisg neo-eisimeileach air an dòigh sa bheil Poilis na h-Alba a' stad 's a' rannsachadh dhaoine nach tigeadh dad ris nach robh dùil an cois a bhith a' cur stad air a' phoileasaidh sin. Thuirt an rannsachadh, a rinn John Scott QC, gu bheil na Poilis ann an iomadh cùis mar thà a' crochadh air cead bhon duine, ged a tha an lagh a' toirt a' chead a tha sin dhaibh co-dhiù. Bheir Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathain, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba feasgar air ath-sgrùdadh air dòighean-obrach nam Poileas.

Fògarraich

Tha ceannardan Eòrpach eile, am Pàrtaidh Làbarach agus fiù 's buill na pàrtaidh aige fhèin ag iarraidh air Dàibhidh Camshron barrachd a dhèanamh mu na fògarraich a tha a' tighinn dhan Roinn Eòrpa. Tha Andy Burnham, a tha a' seasamh airson ceannas na Pàrtaidh Làbaraich, ag iarraidh deasbaid phàrlamaid air a' chùis. Tha Mgr Camshron ag ràdh gum feumar prìomhachas a thoirt do dhèiligeadh ri cogadh agus na trioblaidean eile as coireach gu bheil daoine a' teicheadh às na dùthchannan dham buin iad.

Budapest

Tha ceudan fògarrach sa phrìomh stèisean rèile ann am Budapest an dèidh dha na h-ùghdarrasan anns an Ungair fhosgladh a-rithist. Tha dealbhan bhideo gan sealltainn a' putadh agus a' sabaid a chèile airson àite air trèana. Chuir mòran dhiubh seachad an dàrna oidhche a' strì ri poilis an dèidh cead a dhiùltadh dhaibh siubhail gu dùthchannan Eòrpach eile.

Ionad Spòrs

Tha comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh an-diugh air ionad spòrs ùr a chosgadh £23m a stèidheachadh ann an Inbhir Nis. Tha oifigearan na Comhairle a' moladh Pàirce a' Bhught mar an làrach as fheàrr. Am measg nam planaichean tha velodrome agus goireasan airson lùth-chleasachd, judo agus teanas.