Bliadhna ro fhadalach?

Anns an Òg-mhìos, 1979, bha Alba a' cluich ball-coise an aghaidh Argentina aig Hampden.

Chaill balaich Jock Stein 3 gu 1 aghaidh Maradona agus a chàidean.

Ach, mar a bhiodh dùil, bha an luchd-leantainn a' seinn co-dhiù.

Bha brataich na h-Alba rim faicinn air feadh an àite agus an t-Arm Tartan a' brosnachadh na sgiopa.

Mìos roimhe sin, chaill SNP 9 suidheachdan agus fhuair na Tòraidhean 8 a bharrachd anns an taghadh a thug Margaret Thatcher gu Àireamh a Deich.

Ann an guth searbh, aoireil, sgrìobh sàr-bhàrd Ghlaschu Ruaraidh MacThòmais, "Alba chadalach, mìos ro fhadalach."

Reifreann eile

Nam biodh e beò fhathast, dè a' bheachd a bhiodh aig Ruaraidh air a' chunntas-bheachd a nochd an-dè, a thuirt gun bhòtadh 53% de dhaoine airson neo-eisimeileachd nan deigheadh reifreann eile a chumail a-nis?

Bidh cuid de nàiseantaich na h-Alba faclan a' bhàird an-diugh agus a' cantainn "Alba chadalach, bliadhna ro fhadalach".

Ach chan eil Nicola Sturgeon nam measg - gu poblach co-dhiù.

Chuir sgiopa a' phrìomh mhinisteir nar cuimhne - nan robh e idir a dhìth - nach robh ann ach aon chunntas-bheachd a-mhàin agus gun robh obair aca ri dhèanamh gus cur ris an taic a tha ann airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Cha mhòr bliadhna o chaill iad an reifreann 45 gu 55, tha sin ciallach - tha e nas fhasa 'Bu chòir' a ràdh ri luchd nan cunntasan na tha am bogsa a chomharrachadh aig an ionad-bhòtaidh.

Ach chan sin a-mhàin a tha a' toirt air Ms Sturgeon a bhith curamach.

Deiseil

Aig toiseach na bliadhna pàrlamaid ùire seo, tha an SNP cho fada air thoiseach is nach eil na Làbaraich fhèin a' cantainn gu faigh Kezia Dugdale gu Taigh a' Bhòid às dèidh an taghaidh Albannaich.

Ach a dh'aindeoin sin, chan eil sin ri ràdh gum biodh muinntir na h-Alba deònach bhòtadh airson neo-eisimeileachd, na fiù 's gu bheil deiseil airson a' chùis uile a dheasbad uair eile.

Agus ma chailleas Nicola Sturgeon reifreann eile, nì sin cron mòr air an iomairt, a dh'fhaodadh a mharbhadh uile gu lèir.

Mar sin, tha i fhathast ag ràdh gu feum rudeigin mòr atharrachadh mus tèid a' cheist a chur ris an luchd-bhòtaidh a-rithist.

Sin rudeigin leithid Breatainn a' bhòtadh airson an EU fhàgail, no a' diùltadh cumhachdan ùra a thoirt do Holyrood.

Seach sin, chan eil dùil ri bhòt eile air àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte a dh'aithghearr.

Cothrom

Bidh gu leòr, 's dòcha, toilichte sin a chluinntinn.

Ach cha bhi cuid ann am pàrtaidh a' phrìomh mhinisteir fhèin, gu h-àraid a-measg a' chòrr is 100,000 neach a fhuair ballrachd anns an SNP on 18mh dhen t-Sultainn.

Bidh cuid dhiubh sin a' faicinn nan àireamhan as ùir agus a' faighneachd carson nach bu chòir an cothrom a ghabhail anns a' bhad gus a' chùis a dhèanamh.

Air an àrd-ùrlar no aig a' bhàr, thèid sin a dheasbad aig co-labhairt an SNP ann an Obar Deathainn.

Ach cha bhith Nicola Sturgeon fhèin airson bhòt eile a chumail mura h-eil e cha mhòr cinnteach gum buannaicheadh i.

Bha Alba "ro fhadalach" airson an SNP ann an 1979 - chan eil am prìomh mhinistear airson 's gum bi an SNP ro thràth airson Alba ann an 2016.