Cruinneachadh a' Chinn a Tuath
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cruinneachadh a' Chinn a Tuath

3 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S ann a Ghlaschu a chaidh prìomh dhuais phìobaireachd aig Cruinneachadh a' Chinn a' Tuath Diardaoin, le Fionnlagh Mac Iain a' dèanamh a' chùis ann am farpais a' bhuinn-òir.

Se Fionnlagh cuideachd a bhuannaich co-fharpais na Caismeachd, Srath Spe agus Ruidhle.

Mar a tha Iain Mac IllEathain ag aithris, tha an cruinneachadh ann an Inbhir Nis am-measg nam farpaisean pìobaireachd is cliùiteach a th'ann.