Iomairt ionad nam Poileas a' leantainn

Na Poilis
Image caption Chaidh an aithisg le Àrd-Neach-Sgrudaidh na Bànrighinn airson nam Poileas, Iain Penman, iarraidh às dèidh na tubaiste air an M9 anns an t-Samhradh san do chaill dithis am beatha.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread Davidson, gun lean iad orra le iomairt airson ionad-stiùiridh nam Poileas ann an Inbhir Nis a chumail fosgailte, is i a' cur fàilte air naidheachd gun tèid dàil air plana 'son a dhùnadh.

Bha sin am measg na thàinig à aithisg Diardaoin air mar a tha Poilis na h-Alba a' dèiligeadh ri gairmean-èiginn.

Chaidh an aithisg le Àrd-Neach-Sgrudaidh na Bànrighinn airson nam Poileas, Derek Penman, iarraidh às dèidh na tubaiste air an M9 anns an t-Samhradh san do chaill dithis am beatha.

Thug e trì là dha na Poilis a dhol gu làrach na tubaiste às dèidh dhaibh brath èiginn fhaighinn.

Am measg na fhuair Mgr Penmman, 's e gu bheil an dòigh anns a bheilear aig amannan a' gluasad bhrathan-èiginn bho ionadan-fòn ionadail ag adhbharrachadh barrachd chunnairt.

Dh'iarr e gun tèid dàil air dùnadh cuid de na h-ionadan ionadail san eadar-ama, Inbhir Nis, nam measg.

Thuirt A' Bh.Ph. Davidson, gur e deagh naidheachd a tha sin is gu bheil ionad Inbhir Nis fìor chudromach.

Thuirt i ge-tà, gum feum iomairt leantainn gus an tèid an t-ionad a chumail san ùine fhada.