Prògraman Gàidhlig "nas tarraingiche" a dhìth

BBC ALBA
Image caption Tha daoine air a bhith a' gearain air na tha de Bheurla air an t-sianal.

Tha fear de luchd-iomairt a tha a' strì airson an tuilleadh Gàidhlig a chluinntinn air BBC Alba ag ràdh gum bu chòir nàire a bhith air ceannard phrògraman na Seirbheis, le bhith ag ràdh gu bheil e na chunnart gun tèid an t-sianal mar 'ghetto'.

Bha Ailean Esslemont a' bruidhinn nas tràithe air an t-seachdain 's e ag ràdh gum feumar a bhith ag amas air raon farsaing de luchd-amhairc air an t-sianal, agus gu bheil sin a' cur na Gàidhlig fa chomhair àireamhan mòra de dhaoine aig nach eil i.

Thuirt e gur iad daoine air an iomall a bha a' gearain mu na tha de Bheurla air an t-sianal, agus gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-amhairc toilichte leis.

"Nuair a smaoinicheas tu co mheud sianal a th' aig luchd na Beurla, chan eil againne ach criomag den là gu dearbha, sia uairean de thìde, no seachd, ochd aig a' char as fhaide," thuirt Aonghas Dubh MacNeacail.

"Ma tha an t-seirbheis Ghàidhlig gu bhith leitheach de dh'uairean Beurla, chan eil sinn a' faighinn na seirbheis air a bheil sinn araidh.

"'S e a chanainnsa, ach gum bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh phrògraman cho tarraingeach anns a' Ghàidhlig gun iarr Goill coimhead orra le fo-thiotalan.

"An-dràsta 's e na Gàidheil a tha a' cur cùl ris an t-sianal tha mise a' faireachadh.

"Chan fhulaing mise a bhith ag amharc cuid de na prògraman leis na th' ann de Bheurla," thuirt e.