Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fògarraich

Thàinig dearbhadh bhon Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, gun gabh Breatainn tuilleadh de na fògarraich à Siria, agus mòran an dèidh a bhith a' càineadh cho beag 's a bha an Riaghaltas a' dèanamh. Bheir Breatainn àite do dh'fheadhainn a tha an-dràsta ann an campaichean an UN faisg air Siria, seach do dh'fheadhainn a th' anns an Aonadh Eòrpach mar thà. Thuirt ceannard UKIP, Nigel Farage, gum biodh Breatainn air chomas barrachd de na fògarraich a ghabhail nam biodh smachd aice air a crìochan fhèin.

Anns an Ungair tha ceudan de luchd-siridh comraich agus fògarraich a' diùltadh tighinn far trèana a dh'fhalbh à Budapest an-dè. Tha cuid dhiubh nach eil a' gabhail biadh no deoch, an dèidh do phoilis feuchainn ri an cur far an trèana aig campa faisg air a' phrìomh bhaile.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' gairm coinneimh eadar ceannardan poileataigeach, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile airson cobhair a dhèanamh air na fògarraich. Sgrìobh Ms Sturgeon gu Dàibhidh Camshron ag ràdh nan dèanadh Breatainn cobhair air 10,000 fògarrach, gun gabhadh Alba 1,000 dhiubh sin.

Bile na h-Alba

Tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Greg Hands, agus Rùnaire Ionmhais na h-Alba, John Swinney, a' coinneachadh ann an Dùn Èideann an-diugh a dh'fheuchainn ri aonta a dhèanamh mu na cumhachdan ionmhais ùra a tha Bile na h-Alba a' gealltainn. Seo a' chiad turas a tha oifigeach o Roinn an Ionmhais air tighinn a dh'Alba a bhruidhinn air a' chuspair.

Tidsearan

Thathas a' moladh do thidsearan an Alba, an dèidh mhìosan de chòmhradh, gabhail ri àrdachadh pàighidh de 1.5%. Thèid an t-aonadh as motha, an EIS, gu baileat air a' chùis. Ach tha an t-aonadh eile, an SSTA, ag ràdh gu bheil iad a' gabhail ris an àrdachadh a tha sin.

Sgìrean Glèidhte Mara

Thèid innse do Rùnaire na h-Àrainneachd nach bu chòir an còrr sgìrean glèidhte a stèidheachadh aig muir gus am bi dearbhadh ann air a' bhuaidh air an iasgach. Tha iasgairean às na h-Eileanan agus riochdairean Chomhairle nan Eilean Siar a' coinneachadh ri Ridseard Lochhead an ath-sheachdain agus dragh orra mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba airson tuilleadh sgìrean glèidhte MPA.